Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Drochaid Alexandra, Baile Dhubhthaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1156
ÀITE
Baile Dhubhthaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Baile Dhubhthaich
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33079
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd Rois
Sgìre Rois is Chrombaidh
Taobh Sear Rois
drochaidean
caolais
naoimh
bailtean
bailtean-saor
còirichean-sgrìobhte rìoghail
bailtean-margaidh
Alexandra Bridge, Tain

Tha an dealbh seo, a tha coimhead gu Caolas Dhòrnach, a' sealltainn Drochaid Chrochte Alexandra ann am Baile Dhubhthaich. Thogadh an drochaid ann an 1902, le fùirneis Sràid an Ròis ann an Inbhir Nis, agus tha i faisg air beul Abhainn Dhubhthaich. Faodaidh daoine coiseachd gu tràigh Baile Dhubhthaich on mhachair, far a bheil tìr airson cur-seachadan eadar an rèile agus an cladach.

'S ann air cladach a deas Caolas Dhòrnach a tha Baile Dhubhthaich agus their cuid gur h-e am baile-saor rìoghail as sine ann an Alba. Chan eil cinnt cò às a thàinig an t-ainm Beurla 'Tain' o thùs, ach tha an t-ainm Gàidhlig 'Baile Dhubhaich' na chomharra air ceangal a' bhaile ri naomh on mheadhan linn dham b' ainm Dubhthach, a rugadh ann.

A-rèir beul-aithris, fhuair Baile Dhubhthaich còirichean a thaobh malairt an toiseach ann an 1066, ri linn Calum a' Chinn Mhòir. Chaidh na còirichean seo a dhaingneachadh leis an Rìgh Seumas VI ann an 1587, agus chaidh an leudachadh le Rìgh Teàrlach II ann an 1675. Bha an inbhe aig Baile Dhubhthaich mar bhaile-saor a' ciallachadh gun robh na marsantan ann saor o bhith pàigheadh chìsean sònraichte, agus mar sin shoirbhich leis a' bhaile mar bhaile-margaidh don sgìre mu chuairt. An-diugh, tha Baile Dhubhthaich na bhaile soirbheachail anns a bheil mu 4000 neach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Drochaid Alexandra, Baile Dhubhthaich

ROS: Baile Dhubhthaich

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Sgìre Rois is Chrombaidh; Taobh Sear Rois; drochaidean; caolais; naoimh; bailtean; bailtean-saor; còirichean-sgrìobhte rìoghail; bailtean-margaidh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha an dealbh seo, a tha coimhead gu Caolas Dhòrnach, a' sealltainn Drochaid Chrochte Alexandra ann am Baile Dhubhthaich. Thogadh an drochaid ann an 1902, le fùirneis Sràid an Ròis ann an Inbhir Nis, agus tha i faisg air beul Abhainn Dhubhthaich. Faodaidh daoine coiseachd gu tràigh Baile Dhubhthaich on mhachair, far a bheil tìr airson cur-seachadan eadar an rèile agus an cladach.<br /> <br /> 'S ann air cladach a deas Caolas Dhòrnach a tha Baile Dhubhthaich agus their cuid gur h-e am baile-saor rìoghail as sine ann an Alba. Chan eil cinnt cò às a thàinig an t-ainm Beurla 'Tain' o thùs, ach tha an t-ainm Gàidhlig 'Baile Dhubhaich' na chomharra air ceangal a' bhaile ri naomh on mheadhan linn dham b' ainm Dubhthach, a rugadh ann.<br /> <br /> A-rèir beul-aithris, fhuair Baile Dhubhthaich còirichean a thaobh malairt an toiseach ann an 1066, ri linn Calum a' Chinn Mhòir. Chaidh na còirichean seo a dhaingneachadh leis an Rìgh Seumas VI ann an 1587, agus chaidh an leudachadh le Rìgh Teàrlach II ann an 1675. Bha an inbhe aig Baile Dhubhthaich mar bhaile-saor a' ciallachadh gun robh na marsantan ann saor o bhith pàigheadh chìsean sònraichte, agus mar sin shoirbhich leis a' bhaile mar bhaile-margaidh don sgìre mu chuairt. An-diugh, tha Baile Dhubhthaich na bhaile soirbheachail anns a bheil mu 4000 neach