Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Drochaid Alexandra, Baile Dhubhthaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1157
ÀITE
Baile Dhubhthaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Baile Dhubhthaich
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33080
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd Rois
Sgìre Rois is Chrombaidh
Taobh Sear Rois
drochaidean
caolais
naoimh
bailtean
bailtean-saor
còirichean-sgrìobhte rìoghail
bailtean-margaidh
Alexandra Bridge, Tain

Tha an dealbh seo, a tha coimhead gu Baile Dhubhaich, a' sealltainn Drochaid Chrochte Alexandra. Thogadh an drochaid ann an 1902, le fùirneis Sràid an Ròis ann an Inbhir Nis, agus tha i faisg air beul Abhainn Dhubhthaich. Faodaidh daoine coiseachd gu tràigh Baile Dhubhthaich on mhachair, far a bheil tìr airson cur-seachadan eadar an rèile agus an cladach.

'S ann air cladach a deas Caolas Dhòrnach a tha Baile Dhubhthaich agus their cuid gur h-e am baile-saor rìoghail as sine ann an Alba. Chan eil cinnt cò às a thàinig an t-ainm Beurla 'Tain' o thùs, ach tha an t-ainm Gàidhlig 'Baile Dhubhaich' na chomharra air ceangal a' bhaile ri naomh on mheadhan linn dham b' ainm Dubhthach, a rugadh ann.

A-rèir beul-aithris, fhuair Baile Dhubhthaich còirichean a thaobh malairt an toiseach ann an 1066, ri linn Calum a' Chinn Mhòir. Chaidh na còirichean seo a dhaingneachadh leis an Rìgh Seumas VI ann an 1587, agus chaidh an leudachadh le Rìgh Teàrlach II ann an 1675. Bha an inbhe aig Baile Dhubhthaich mar bhaile-saor a' ciallachadh gun robh na marsantan ann saor o bhith pàigheadh chìsean sònraichte, agus mar sin shoirbhich leis a' bhaile mar bhaile-margaidh don sgìre mu chuairt. An-diugh, tha Baile Dhubhthaich na bhaile soirbheachail anns a bheil mu 4000 neach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Drochaid Alexandra, Baile Dhubhthaich

ROS: Baile Dhubhthaich

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Sgìre Rois is Chrombaidh; Taobh Sear Rois; drochaidean; caolais; naoimh; bailtean; bailtean-saor; còirichean-sgrìobhte rìoghail; bailtean-margaidh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha an dealbh seo, a tha coimhead gu Baile Dhubhaich, a' sealltainn Drochaid Chrochte Alexandra. Thogadh an drochaid ann an 1902, le fùirneis Sràid an Ròis ann an Inbhir Nis, agus tha i faisg air beul Abhainn Dhubhthaich. Faodaidh daoine coiseachd gu tràigh Baile Dhubhthaich on mhachair, far a bheil tìr airson cur-seachadan eadar an rèile agus an cladach.<br /> <br /> 'S ann air cladach a deas Caolas Dhòrnach a tha Baile Dhubhthaich agus their cuid gur h-e am baile-saor rìoghail as sine ann an Alba. Chan eil cinnt cò às a thàinig an t-ainm Beurla 'Tain' o thùs, ach tha an t-ainm Gàidhlig 'Baile Dhubhaich' na chomharra air ceangal a' bhaile ri naomh on mheadhan linn dham b' ainm Dubhthach, a rugadh ann.<br /> <br /> A-rèir beul-aithris, fhuair Baile Dhubhthaich còirichean a thaobh malairt an toiseach ann an 1066, ri linn Calum a' Chinn Mhòir. Chaidh na còirichean seo a dhaingneachadh leis an Rìgh Seumas VI ann an 1587, agus chaidh an leudachadh le Rìgh Teàrlach II ann an 1675. Bha an inbhe aig Baile Dhubhthaich mar bhaile-saor a' ciallachadh gun robh na marsantan ann saor o bhith pàigheadh chìsean sònraichte, agus mar sin shoirbhich leis a' bhaile mar bhaile-margaidh don sgìre mu chuairt. An-diugh, tha Baile Dhubhthaich na bhaile soirbheachail anns a bheil mu 4000 neach