Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Sunset over the Dornoch Firth at Tain

Tha a' chairt seo a' sealltainn na grèine a' dol fodha o Bhaile Dhubhthaich. Tha am baile air taobh a deas Caolas Dhòrnaich, an caolas as fhaide tuath air taobh an ear Alba. 'S e costa farsaing, còmhnard de pholl neo ghainmhich a th' aig Baile Dhubhthaich, anns a bheil mòran fheusgan, a bha luachmhòr dhan bhaile san t-seann aimsir.

Their cuid gur e Baile Dhubhthaich am baile-saor rìoghail as sine ann an Alba. Chan eil cinnt cò às a thàinig an t-ainm Beurla 'Tain' o thùs, ach tha an t-ainm Gàidhlig 'Baile Dhubhaich' na chomharra air ceangal a' bhaile ri naomh on mheadhan linn dham b' ainm Dubhthach, a rugadh ann.

A-rèir beul-aithris, fhuair Baile Dhubhthaich còirichean a thaobh malairt an toiseach ann an 1066, ri linn Calum a' Chinn Mhòir. Chaidh na còirichean seo a dhaingneachadh leis an Rìgh Seumas VI ann an 1587, agus chaidh an leudachadh le Rìgh Teàrlach II ann an 1675. Bha an inbhe aig Baile Dhubhthaich mar bhaile-saor a' ciallachadh gun robh na marsantan ann saor o bhith pàigheadh chìsean sònraichte, agus mar sin shoirbhich leis a' bhaile mar bhaile-margaidh don sgìre mu chuairt. An-diugh, tha Baile Dhubhthaich na bhaile soirbheachail anns a bheil mu 4000 neach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' ghrian a' dol fodha thar Chaolas Dhòrnaich o Bhaile Dhubhthaich

ROS: Baile Dhubhthaich

1950an

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Sgìre Rois is Chrombaidh; Taobh Sear Rois; dol fodha na grèine; costaichean; caolis; bailtean; bailtean-saor; naoimh; còirichean rìoghail, bailtean margaidh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn na grèine a' dol fodha o Bhaile Dhubhthaich. Tha am baile air taobh a deas Caolas Dhòrnaich, an caolas as fhaide tuath air taobh an ear Alba. 'S e costa farsaing, còmhnard de pholl neo ghainmhich a th' aig Baile Dhubhthaich, anns a bheil mòran fheusgan, a bha luachmhòr dhan bhaile san t-seann aimsir.<br /> <br /> Their cuid gur e Baile Dhubhthaich am baile-saor rìoghail as sine ann an Alba. Chan eil cinnt cò às a thàinig an t-ainm Beurla 'Tain' o thùs, ach tha an t-ainm Gàidhlig 'Baile Dhubhaich' na chomharra air ceangal a' bhaile ri naomh on mheadhan linn dham b' ainm Dubhthach, a rugadh ann.<br /> <br /> A-rèir beul-aithris, fhuair Baile Dhubhthaich còirichean a thaobh malairt an toiseach ann an 1066, ri linn Calum a' Chinn Mhòir. Chaidh na còirichean seo a dhaingneachadh leis an Rìgh Seumas VI ann an 1587, agus chaidh an leudachadh le Rìgh Teàrlach II ann an 1675. Bha an inbhe aig Baile Dhubhthaich mar bhaile-saor a' ciallachadh gun robh na marsantan ann saor o bhith pàigheadh chìsean sònraichte, agus mar sin shoirbhich leis a' bhaile mar bhaile-margaidh don sgìre mu chuairt. An-diugh, tha Baile Dhubhthaich na bhaile soirbheachail anns a bheil mu 4000 neach