Ùrachadh mu Dheireadh 18/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Tain from the links

Tha a' chairt seo a' sealltainn Baile Dhubhthaich on mhachair, tìr iomchaidh airson cur-seachadan, a tha eadar an rèile agus an cladach. 'S ann air cladach a deas Caolas Dhòrnach a tha Baile Dhubhthaich agus their cuid gur h-e am baile-saor rìoghail as sine ann an Alba. Chan eil cinnt cò às a thàinig an t-ainm Beurla 'Tain' o thùs, ach tha an t-ainm Gàidhlig 'Baile Dhubhaich' na chomharra air ceangal a' bhaile ri naomh on mheadhan linn dham b' ainm Dubhthach, a rugadh ann.

Anmoch sa mheadhan linn, bha naomh-chomhan Dhubhthaich cliùiteach a thaobh eilthireachd, agus dh'fhàs Baile Dhubhthaich fhèin mar ionad eaglais. B' e an Rìgh Seumas IV an neach a b' ainmeile a thàinig ann na eilthireach. Bha an naomh-chomhan cuideachd na chomraich, oir bha Sgìre no 'Girth' Baile Dhubhthaich, anns an robh dusan mìle cearnagach mu thimcheall an naomh-chomhain, fo dhìon na h-eaglais. Ann an 1306, chuir Raibeart de Brus a theaghlach gu Baile Dhubhthaich oir is gum biodh iad sàbhailte, ach cha do ghabh Uilleam, Iarla Rois ri inbhe comraich an teampaill agus thug e dha na Sasannaich iad.

A-rèir beul-aithris, fhuair Baile Dhubhthaich còirichean a thaobh malairt an toiseach ann an 1066, ri linn Calum a' Chinn Mhòir. Chaidh na còirichean seo a dhaingneachadh leis an Rìgh Seumas VI ann an 1587, agus chaidh an leudachadh le Rìgh Teàrlach II ann an 1675. Bha an inbhe aig Baile Dhubhthaich mar bhaile-saor a' ciallachadh gun robh na marsantan ann saor o bhith pàigheadh chìsean sònraichte, agus mar sin shoirbhich leis a' bhaile mar bhaile-margaidh don sgìre mu chuairt.

An-diugh, tha Baile Dhubhthaich na bhaile soirbheachail anns a bheil mu 4000 neach. Am measg a thogalaichean inntinneach tha Ionad nan Cìsean agus Colaiste Eaglais Naomh Dhubhthaich, a tha nis na pàirt de dh'Ionad Luchd-Turais "Tain Through Time"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baile Dhubhthaich on mhachair

ROS: Baile Dhubhthaich

1920an

cairtean; Siorrachd Rois; Sgìre Rois is Chrombaidh; Taobh Sear Rois; bailtean; costaichean; bailtean-saor; naoimh; naomh-chomhain; eilthirich; comraichean; borghan; còirichean rìoghail; bailtean margaidheachd; ionadan turasachd; taighean-tasgaidh; eaglais

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection