Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
River and links from Alexandra Bridge, Tain

Tha a' chairt seo a' sealltainn Abhainn Dhubhaich agus am machair, earrann de thìr iomchaidh airson cur-seachadan, a tha eadar an rèile am Baile Dhubhthaich agus an cladach. Ghabhadh an dealbh o Dhrochaid Alexandra, a rinneadh le Fùirneis Sràid an Ròis, ann an Inbhir Nis ann an 1902. Tha an drochaid a' leigeil le daoine coiseachd gu tràigh Bhaile Dhubhthaich on mhachair.

'S ann air cladach a deas Caolas Dhòrnach a tha Baile Dhubhthaich agus their cuid gur h-e am baile-saor rìoghail as sine ann an Alba. Chan eil cinnt cò às a thàinig an t-ainm Beurla 'Tain' o thùs, ach tha an t-ainm Gàidhlig 'Baile Dhubhaich' na chomharra air ceangal a' bhaile ri naomh on mheadhan linn dham b' ainm Dubhthach, a rugadh ann.

A-rèir beul-aithris, fhuair Baile Dhubhthaich còirichean a thaobh malairt an toiseach ann an 1066, ri linn Calum a' Chinn Mhòir. Chaidh na còirichean seo a dhaingneachadh leis an Rìgh Seumas VI ann an 1587, agus chaidh an leudachadh le Rìgh Teàrlach II ann an 1675. Bha an inbhe aig Baile Dhubhthaich mar bhaile-saor a' ciallachadh gun robh na marsantan ann saor o bhith pàigheadh chìsean sònraichte, agus mar sin shoirbhich leis a' bhaile mar bhaile-margaidh don sgìre mu chuairt.

An-diugh, tha Baile Dhubhthaich na bhaile soirbheachail anns a bheil mu 4000 neach. Am measg a thogalaichean inntinneach tha Ionad nan Cìsean agus Colaiste Eaglais Naomh Dhubhthaich, a tha nis na pàirt de dh'Ionad Luchd-Turais "Tain Through Time"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An abhainn agus a' mhachair bho Dhrochaid Alexandra, Baile Dhubhthaich

ROS: Baile Dhubhthaich

cairtean; Siorrachd Rois; Sgìre Rois is Chrombaidh; Taobh Sear Rois; aibhnichean; drochaidean; bailtean; naoimh; naomh-chomhain; eilthirich; comraichean; còirichean rìoghail; bailtean margaidheachd; eaglaisean; ionadan turasachd; taighean-tasgaidh;

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection