Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Togalaichean na Comhairle agus an Àrd Shràid, Baile Dhubhthaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1181
ÀITE
Baile Dhubhthaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Baile Dhubhthaich
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33104
KEYWORDS
cairtean
Siorrachd Rois
Sgìre Rois is Chrombaidh
Taobh Sear Rois
bailtean
borghan
ionadan cìsean
prìosain
naoimh
còirichean rìoghail
bailtean margaidheachd
County Buildings and High Street, Tain

Tha a' chairt seo a' sealltainn togalaichean na Comhairle anns an Àrd Shràid, Baile Dhubhthaich. Aig aon àm, bha Baile Dhubhthaich ann am farpais ri Inbhir Pheofharain mar phrìomh bhaile Siorrachd Rois is Chrombaidh, agus chumadh iomadh coinneamh anns an togalach san robh Ionad Cìsean Baile Dhubhthaich aig aon àm.

Thogadh a' chiad Ionad Chìsean ann an 1630 le oifisean na cùirte agus prìosan, agus mar àite airson cìsean a thogail. Thuit an togalach seo am broinn a chèile, agus thogadh an togalach a th' ann an-dràsta, anns a' bheil an clag Flanndraiseach, on t-seann tùr, eadar 1706 agus 1733. Na b' anmoiche, ri linn nam Fuadaichean, chaidh Ionad nan Cìsean ann am Baile Dhubhthaich a chleachdadh mar Ionad Rianachd.

'S ann air cladach a deas Caolas Dhòrnach a tha Baile Dhubhthaich agus their cuid gur h-e am baile-saor rìoghail as sine ann an Alba. Chan eil cinnt cò às a thàinig an t-ainm Beurla 'Tain' o thùs, ach tha an t-ainm Gàidhlig 'Baile Dhubhaich' na chomharra air ceangal a' bhaile ri naomh on mheadhan linn dham b' ainm Dubhthach, a rugadh ann.

A-rèir beul-aithris, fhuair Baile Dhubhthaich còirichean a thaobh malairt an toiseach ann an 1066, ri linn Calum a' Chinn Mhòir. Chaidh na còirichean seo a dhaingneachadh leis an Rìgh Seumas VI ann an 1587, agus chaidh an leudachadh le Rìgh Teàrlach II ann an 1675. Bha an inbhe aig Baile Dhubhthaich mar bhaile-saor a' ciallachadh gun robh na marsantan ann saor o bhith pàigheadh chìsean sònraichte, agus mar sin shoirbhich leis a' bhaile mar bhaile-margaidh don sgìre mu chuairt. An-diugh, tha Baile Dhubhthaich na bhaile soirbheachail anns a bheil mu 4000 neach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Togalaichean na Comhairle agus an Àrd Shràid, Baile Dhubhthaich

ROS: Baile Dhubhthaich

1950an

cairtean; Siorrachd Rois; Sgìre Rois is Chrombaidh; Taobh Sear Rois; bailtean; borghan; ionadan cìsean; prìosain; naoimh; còirichean rìoghail; bailtean margaidheachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection