Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tobhta Caibeal Dhubhthaich, Baile Dhubhthaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1190
ÀITE
Baile Dhubhthaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Baile Dhubhthaich
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33113
KEYWORDS
cairtean
Siorrachd Rois
Sgìre Rois is Chrombaidh
Taobh Sear Rois
caibealan
eaglaisean
cladhan
naomh-chomhain
eilthirich
comraichean
Ruins of St Duthus Chapel, Tain

Tha a' chairt seo a' sealltainn tobhta seann Chaibeal Dhubhthaich ann am Baile Dhubhthaich. a' sealltainn tobhta Caibeal Naomh Dubhthaich, ann an seann chladh a' bhaile, faisg air a' chladach. Rugadh Naomh Dubhthach ann am Baile Dhubhthaich mu 1000 AD. Dh'eug e ann an Èirinn, ach chaidh an dust aige a thoirt air ais a Bhaile Dhubhthaich agus a thiodhlaigeadh ann an seann chaibeal Naomh Dubhthaich, a thogadh, tha cuid ag ràdh, anns an àite far an do rugadh e. Dh'fhàs an comhan aige na àite ainmeil airson eilthireachd.

Bha an naomh-chomhan cuideachd na chomraich, oir bha Sgìre no 'Girth' Baile Dhubhthaich, anns an robh dusan mìle cearnagach mu thimcheall an naomh-chomhain, fo dhìon na h-eaglais.Gu ìre mhòir, bha a' chomraich seo aithnichte, ach air dà thuras co--dhiù, bhristeadh riaghailtean na comraich. Ann an 1306, chuir Raibeart de Brus a theaghlach gu Baile Dhubhthaich oir is gum biodh iad sàbhailte, ach cha do ghabh Uilleam, Iarla Rois ri inbhe comraich an teampaill agus thug e dha na Sasannaich iad. Ann an 1427, chuir fear a bha fo choillidh teine ri mullach a' chaibill, far an robh nàmhaid dha fo dhìon. Chuir seo cabhag air an obair Colaiste na h-Eaglais a thogail ann am meadhan a' bhaile, dhan do ghluaiseadh cuimhneachain Dhubhthaich. Dh'fhàs colaiste na h-eaglais cliùiteach a thaobh eilthireachd, agus dh'fhàs Baile Dhubhthaich fhèin mar ionad eaglais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tobhta Caibeal Dhubhthaich, Baile Dhubhthaich

ROS: Baile Dhubhthaich

cairtean; Siorrachd Rois; Sgìre Rois is Chrombaidh; Taobh Sear Rois; caibealan; eaglaisean; cladhan; naomh-chomhain; eilthirich; comraichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn tobhta seann Chaibeal Dhubhthaich ann am Baile Dhubhthaich. a' sealltainn tobhta Caibeal Naomh Dubhthaich, ann an seann chladh a' bhaile, faisg air a' chladach. Rugadh Naomh Dubhthach ann am Baile Dhubhthaich mu 1000 AD. Dh'eug e ann an Èirinn, ach chaidh an dust aige a thoirt air ais a Bhaile Dhubhthaich agus a thiodhlaigeadh ann an seann chaibeal Naomh Dubhthaich, a thogadh, tha cuid ag ràdh, anns an àite far an do rugadh e. Dh'fhàs an comhan aige na àite ainmeil airson eilthireachd.<br /> <br /> Bha an naomh-chomhan cuideachd na chomraich, oir bha Sgìre no 'Girth' Baile Dhubhthaich, anns an robh dusan mìle cearnagach mu thimcheall an naomh-chomhain, fo dhìon na h-eaglais.Gu ìre mhòir, bha a' chomraich seo aithnichte, ach air dà thuras co--dhiù, bhristeadh riaghailtean na comraich. Ann an 1306, chuir Raibeart de Brus a theaghlach gu Baile Dhubhthaich oir is gum biodh iad sàbhailte, ach cha do ghabh Uilleam, Iarla Rois ri inbhe comraich an teampaill agus thug e dha na Sasannaich iad. Ann an 1427, chuir fear a bha fo choillidh teine ri mullach a' chaibill, far an robh nàmhaid dha fo dhìon. Chuir seo cabhag air an obair Colaiste na h-Eaglais a thogail ann am meadhan a' bhaile, dhan do ghluaiseadh cuimhneachain Dhubhthaich. Dh'fhàs colaiste na h-eaglais cliùiteach a thaobh eilthireachd, agus dh'fhàs Baile Dhubhthaich fhèin mar ionad eaglais