Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Drochaid Quebec, Baile Dhubhthaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1194
ÀITE
Baile Dhubhthaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Baile Dhubhthaich
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33117
KEYWORDS
cairtean
Siorrachd Rois
Sgìre Rois is Chrombaidh
Taobh Sear Rois
drochaidean
bailtean
bailtean-saor
naoimh
còirichean rìoghail
bailtean margaidheachd
Quebec Bridge, Tain

Tha a' chairt seo a' sealltainn Drochaid Quebec beagan a deas air Baile Dhubhthaich. B'e MacCoinnich a b' ainm dhan chlachair a thog i. Tha taigh dhen ainm 'Quebec' faisg air làimh cuideachd, agus tha aon de shràidean Bhaile Dhubhthaich dhen ainm 'Quebec Avenue'. Chaidh a ràdh gun do cleachdadh an t-ainm 'Quebec' an dèidh duine no dithis de mhuinntir na sgìre tilleadh o bhith sabaid air taobh Seanailear Wolfe ann an Canada.

'S ann air cladach a deas Caolas Dhòrnach a tha Baile Dhubhthaich agus their cuid gur h-e am baile-saor rìoghail as sine ann an Alba. Chan eil cinnt cò às a thàinig an t-ainm Beurla 'Tain' o thùs, ach tha an t-ainm Gàidhlig 'Baile Dhubhaich' na chomharra air ceangal a' bhaile ri naomh on mheadhan linn dham b' ainm Dubhthach, a rugadh ann.

A-rèir beul-aithris, fhuair Baile Dhubhthaich còirichean a thaobh malairt an toiseach ann an 1066, ri linn Calum a' Chinn Mhòir. Chaidh na còirichean seo a dhaingneachadh leis an Rìgh Seumas VI ann an 1587, agus chaidh an leudachadh le Rìgh Teàrlach II ann an 1675. Bha an inbhe aig Baile Dhubhthaich mar bhaile-saor a' ciallachadh gun robh na marsantan ann saor o bhith pàigheadh chìsean sònraichte, agus mar sin shoirbhich leis a' bhaile mar bhaile-margaidh don sgìre mu chuairt. An-diugh, tha Baile Dhubhthaich na bhaile soirbheachail anns a bheil mu 4000 neach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Drochaid Quebec, Baile Dhubhthaich

ROS: Baile Dhubhthaich

1900an

cairtean; Siorrachd Rois; Sgìre Rois is Chrombaidh; Taobh Sear Rois; drochaidean; bailtean; bailtean-saor; naoimh; còirichean rìoghail; bailtean margaidheachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn Drochaid Quebec beagan a deas air Baile Dhubhthaich. B'e MacCoinnich a b' ainm dhan chlachair a thog i. Tha taigh dhen ainm 'Quebec' faisg air làimh cuideachd, agus tha aon de shràidean Bhaile Dhubhthaich dhen ainm 'Quebec Avenue'. Chaidh a ràdh gun do cleachdadh an t-ainm 'Quebec' an dèidh duine no dithis de mhuinntir na sgìre tilleadh o bhith sabaid air taobh Seanailear Wolfe ann an Canada.<br /> <br /> 'S ann air cladach a deas Caolas Dhòrnach a tha Baile Dhubhthaich agus their cuid gur h-e am baile-saor rìoghail as sine ann an Alba. Chan eil cinnt cò às a thàinig an t-ainm Beurla 'Tain' o thùs, ach tha an t-ainm Gàidhlig 'Baile Dhubhaich' na chomharra air ceangal a' bhaile ri naomh on mheadhan linn dham b' ainm Dubhthach, a rugadh ann.<br /> <br /> A-rèir beul-aithris, fhuair Baile Dhubhthaich còirichean a thaobh malairt an toiseach ann an 1066, ri linn Calum a' Chinn Mhòir. Chaidh na còirichean seo a dhaingneachadh leis an Rìgh Seumas VI ann an 1587, agus chaidh an leudachadh le Rìgh Teàrlach II ann an 1675. Bha an inbhe aig Baile Dhubhthaich mar bhaile-saor a' ciallachadh gun robh na marsantan ann saor o bhith pàigheadh chìsean sònraichte, agus mar sin shoirbhich leis a' bhaile mar bhaile-margaidh don sgìre mu chuairt. An-diugh, tha Baile Dhubhthaich na bhaile soirbheachail anns a bheil mu 4000 neach