Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Beinn Ailiginn agus a' Bheinn Dhearg
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1201
ÀITE
Toirbheartan
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
LINN
1900s
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33124
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd Rois
Sgìre Rois is Chrombaidh
Taobh Siar Rois
bàghan
beanntan
dromannan
ionadan turasachd
coiseachd nam beanntan
tarraing dhealbhan
Ben Alligin and Ben Dearg

Buinidh a' chairt seo don t-sreath 'Oilette' le Raphael Tuck. Tha i a' sealltainn Beinn Ailiginn agus na Beinn Deirg bho Camas na h-Àirde Mòire ann an Loch Toirbheartan. Tha Beinn Ailiginn a' ruighinn 985m (3232 troigh), agus a' Bheinn Dhearg a' ruighinn 914m (2998 troigh). Tha an sgrìobhadh air cùl na cairt ag ràdh gur e Camas na h-Àirde Mòire 'a favourite shelter for the herring boats which are here in harbour'. Bha iasgach an sgadain na ghnìomhachas glè chudthromach an seo aig aon àm.

'S e beanntan Thoirbheartan cuid de na beanntan as àirde ann am Breatann, agus a rèir coltais tha iad a-measg nam beanntan as sine san Roinn Eòrpa.Tha na beanntan air an dèanamh à clach-ghainmhich Thoirbhearnach gu ìre mhòr, le cuid dhiubh le mullach de dh' èiteag gheal, agus creagan de Gneiss Leòdhasach aig am bonn. A-measg nam beanntan eile anns an sgìre tha naoi binneanan Beinn Eighe, a tha ruighinn 1010m (3,313 troigh) aig Ruadh-Stac Mòr, agus seachd binneinean Druim Liathach ag tha ruighinn 1054m (3,456troigh) aig a' ghob as àirde.

Tha sgìre Thoirbheartan air leth breagha, agus tha luchd coiseachd nam beanntan, luchd-togail-dhealbh, geòlaichean agus luchd-eòlais nàdair dèidheil air. 'S ann le Urras Nàiseantan na h-Alba a tha mòran dhan tìr anns an sgìre. Tha Ionad Turasachd aca ann an Toirbheartan

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Beinn Ailiginn agus a' Bheinn Dhearg

ROS: A' Chomraich

1900s

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Sgìre Rois is Chrombaidh; Taobh Siar Rois; bàghan; beanntan; dromannan; ionadan turasachd; coiseachd nam beanntan; tarraing dhealbhan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries - Illustrated postcards

Buinidh a' chairt seo don t-sreath 'Oilette' le Raphael Tuck. Tha i a' sealltainn Beinn Ailiginn agus na Beinn Deirg bho Camas na h-Àirde Mòire ann an Loch Toirbheartan. Tha Beinn Ailiginn a' ruighinn 985m (3232 troigh), agus a' Bheinn Dhearg a' ruighinn 914m (2998 troigh). Tha an sgrìobhadh air cùl na cairt ag ràdh gur e Camas na h-Àirde Mòire 'a favourite shelter for the herring boats which are here in harbour'. Bha iasgach an sgadain na ghnìomhachas glè chudthromach an seo aig aon àm.<br /> <br /> 'S e beanntan Thoirbheartan cuid de na beanntan as àirde ann am Breatann, agus a rèir coltais tha iad a-measg nam beanntan as sine san Roinn Eòrpa.Tha na beanntan air an dèanamh à clach-ghainmhich Thoirbhearnach gu ìre mhòr, le cuid dhiubh le mullach de dh' èiteag gheal, agus creagan de Gneiss Leòdhasach aig am bonn. A-measg nam beanntan eile anns an sgìre tha naoi binneanan Beinn Eighe, a tha ruighinn 1010m (3,313 troigh) aig Ruadh-Stac Mòr, agus seachd binneinean Druim Liathach ag tha ruighinn 1054m (3,456troigh) aig a' ghob as àirde.<br /> <br /> Tha sgìre Thoirbheartan air leth breagha, agus tha luchd coiseachd nam beanntan, luchd-togail-dhealbh, geòlaichean agus luchd-eòlais nàdair dèidheil air. 'S ann le Urras Nàiseantan na h-Alba a tha mòran dhan tìr anns an sgìre. Tha Ionad Turasachd aca ann an Toirbheartan