Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Baile nan Gobhainn, Caoldaraigh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1204
ÀITE
Caoldaraidh
SGÌRE
Inbhir Ghòrdain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Sgìre Mhoire Shìos
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33127
KEYWORDS
càirtean-puist
Siorrachd Rois
Ros is Cromba
Taobh Siar Rois
caistealan
oighreachdan
dealbhan
Balnagown Castle, Kildary

Chithear dealbh de Chaisteal Baile nan Gobhainn air a' chairt-phuist seo. B' e cathair Rosaich Bhaile nan Gobahinn a bh' anns a' chaisteal eadar an 14mh linn agus an 20mh linn. Bha cuid de na Rosaich seo nan ceannardan air Clann Rois. Fhuair Ùisdean Ros, fear Rath Riachaidh còir sgrìobhte air fearann Bhaile nan Gobhainn ann an 1374 agus b' e Rosaich Bhaile nan Gobainn am prìomh teachlach ann an clann Rois fad còrr is trì linntean. Thàinig an sìol seo gu crìoch nuair a chaochail Dàibhidh Ros, fear Bhaile nan Gobhainn ann an 1711 agus a chaidh an caisteal is an oighreachd a thoirt do theaghlach Rosach nach robh càirdeil riutha. Nuair a chaochail an t-oighre mu dheireadh den teaghlach seo ann an 1942, bha 356,000 acaire fearainn aig an oighreachd. Chaidh tòrr den fhearann seo a-mach às an oighreachd bhon uair sin.
Tha Caisteal Baile nan Gobhainn air bruaich a deas Abhainn Baile nan Gobhainn, dà mhìle an iar-thuath air Inbhir Ghòrdain. Chaidh a thogail anns an 15mh linn mar taigh-tùir don na Rosaich ach chaidh a atharrachadh is leudachadh iomadh uair bhon uair sin. Ann an 1972 chaidh caisteal agus oighreachd Baile nan Gobhainn a cheannach le Mohammad Al Fayed agus tha e air an caisteal ath-nuadhachadh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Baile nan Gobhainn, Caoldaraigh

ROS: Sgìre Mhoire Shìos

càirtean-puist; Siorrachd Rois; Ros is Cromba; Taobh Siar Rois; caistealan; oighreachdan; dealbhan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries - Illustrated postcards

Chithear dealbh de Chaisteal Baile nan Gobhainn air a' chairt-phuist seo. B' e cathair Rosaich Bhaile nan Gobahinn a bh' anns a' chaisteal eadar an 14mh linn agus an 20mh linn. Bha cuid de na Rosaich seo nan ceannardan air Clann Rois. Fhuair Ùisdean Ros, fear Rath Riachaidh còir sgrìobhte air fearann Bhaile nan Gobhainn ann an 1374 agus b' e Rosaich Bhaile nan Gobainn am prìomh teachlach ann an clann Rois fad còrr is trì linntean. Thàinig an sìol seo gu crìoch nuair a chaochail Dàibhidh Ros, fear Bhaile nan Gobhainn ann an 1711 agus a chaidh an caisteal is an oighreachd a thoirt do theaghlach Rosach nach robh càirdeil riutha. Nuair a chaochail an t-oighre mu dheireadh den teaghlach seo ann an 1942, bha 356,000 acaire fearainn aig an oighreachd. Chaidh tòrr den fhearann seo a-mach às an oighreachd bhon uair sin. <br /> Tha Caisteal Baile nan Gobhainn air bruaich a deas Abhainn Baile nan Gobhainn, dà mhìle an iar-thuath air Inbhir Ghòrdain. Chaidh a thogail anns an 15mh linn mar taigh-tùir don na Rosaich ach chaidh a atharrachadh is leudachadh iomadh uair bhon uair sin. Ann an 1972 chaidh caisteal agus oighreachd Baile nan Gobhainn a cheannach le Mohammad Al Fayed agus tha e air an caisteal ath-nuadhachadh