Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Taigh-Solais, Rubha Thairbeirt
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1210
ÀITE
An Tairbeart
SGÌRE
Inbhir Ghòrdain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Sgìre Mhoire Shìos
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33132
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd Rois
Sgìre Rois is Chrombaidh
taighean-solais
rubha
The Lighthouse, Tarbat Ness

Tha a' chairt seo a' sealltainn an tùir le sgrìoban dearg is geal aig Taigh Solais Rubha Thairbeirt aig ceann Rubha Thairbeirt ann an Taobh Sear Rois. Aig 41meataran (135 troighean) a dh'àirde, chan eil ach dà thaigh-solais eile ann an Alba a tha nas àirde.

Thogadh e an dèidh do shia-deug a bhàtaichean a dhol a dhìth ann an stoirm ann an Linne Mhoireibh san t-Samhain 1826. Chuireadh Raibeart Stevenson air ceann a' phròiseact, agus lasadh an taigh-solais a' chiad uair air 26mh dhen Fhaoilleach 1830. Tha an lionsa agus na h-innealan a bh' ann o thùs a-nis rim faicinn ann an Taigh-Tasgaidh Nàiseanta na Mara ann an Greenwich.

A rèir beul-aithris na sgìre, bha dùn Ròmanach fann far a bheil an taigh-solais, agus na b' anmoiche bha an làrach air a chleachdadh airson cruinneachaidhean de bana-bhuidsichean. Tha Rubha Thairbeirt cuideachd na àite sònraichte airson a bhith faicinn nan eun a bhios ag imrich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Taigh-Solais, Rubha Thairbeirt

ROS: Sgìre Mhoire Shìos

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Sgìre Rois is Chrombaidh; taighean-solais; rubha

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn an tùir le sgrìoban dearg is geal aig Taigh Solais Rubha Thairbeirt aig ceann Rubha Thairbeirt ann an Taobh Sear Rois. Aig 41meataran (135 troighean) a dh'àirde, chan eil ach dà thaigh-solais eile ann an Alba a tha nas àirde.<br /> <br /> Thogadh e an dèidh do shia-deug a bhàtaichean a dhol a dhìth ann an stoirm ann an Linne Mhoireibh san t-Samhain 1826. Chuireadh Raibeart Stevenson air ceann a' phròiseact, agus lasadh an taigh-solais a' chiad uair air 26mh dhen Fhaoilleach 1830. Tha an lionsa agus na h-innealan a bh' ann o thùs a-nis rim faicinn ann an Taigh-Tasgaidh Nàiseanta na Mara ann an Greenwich.<br /> <br /> A rèir beul-aithris na sgìre, bha dùn Ròmanach fann far a bheil an taigh-solais, agus na b' anmoiche bha an làrach air a chleachdadh airson cruinneachaidhean de bana-bhuidsichean. Tha Rubha Thairbeirt cuideachd na àite sònraichte airson a bhith faicinn nan eun a bhios ag imrich