Ùrachadh mu Dheireadh 22/11/2016
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loidse Bhail' Mhoireil, Srath Pheofhair
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1245
ÀITE
Srath Pheofhair
SGÌRE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Fothraitidh
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33170
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd Rois
Ros is Cromba
uisgeachan meinnireach
fuarain
rumannan pumpa
spàthan
àiteachan spà
leigheasan eile
rèilean
turasachd
taighean tasgaidh
spors
fèisdeas
taighean-òsta
bùithean
Balmoral Lodge, Strathpeffer

Sa chairt-phuist seo chithear dealbh de Loidse Bhail' Mhoireil ann am baile Shrath Pheofhair. Air a thogail le clach whinstone le oirean de chlach-gainmhich, chaidh fhosgladh mu 1890 gus aoigheachd a thairgse do chuid den luchd-turais a bha a' tadhal air a' bhaile. Tha e an-diugh na dhachaigh do sheann daoine agus air aithneachadh leis an ainm Taigh Shrath Àilein.

Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6cil) an iar air Inbhir Pheofharain ann an srath Abhainn Pheofharain. 'S ann mar thoradh air na fuarain de phronnastan a chaidh a lorg ann sna 1770an a dh'fhàs e ann am meud is cho mòr aig daoine. Aig toiseach an 19mh linn sgaoil dotair o Shiorrachd Obair Dheathain, an Dr Moireasdan, fios mu bhuaidhean slànachaidh nan uisgeachan, agus air a mholaidhean-san, chaidh a' chiad rùm pumpa de dh'fhiodh a thogail ann an 1819.

Le taic làidir o Bhaniarla Chrombaidh an là sin, leasaich am baile beag na àite Bhictorianach airson tadhal nan uisgeachan. Ann an 1885 nuair a dh'fhosgail meur Shrath Pheofhair de Rèile Inbhir Pheofharain is an Eilein Sgitheanaich bha e na bu tharraingiche buileach. Chaidh iomadh taigh-òsta eireachdail agus aitreabh mòr Bhictorianach a thogail gus an àireamh de luchd-turais a fhrithealadh nuair a thigeadh iad "a ghabhail nan uisgeachan." Leis na goireasan leasaichte seo bha Srath Pheofhair comasach air cò-strì le bailtean spà eile ann am Breatainn 's ann an Roinn Eòrpa. Gu ruig àm a' Chiad Chogaidh 's e àite mòr tàlaidh an luchd-turais a bha sa bhaile, ach às dèidh sin chaidh àireamh an luchd-turais sìos.

Chaidh prìomh Rùm a' Phumpa a leagail sna 1950an ach tha Rùm Uarach a' Phumpa, ri taobh a' Phàillinn, fhathast ann. Tha e a-nis na dhachaigh do dhiofar thaisbeanadh fiosrachail a tha ag innse eachdraidh leasachadh an Spà agus faodaidh luchd-turais na h-uisgeachan slànachaidh fheuchainn aon uair eile. Tha Srath Pheofhair a-rithist mòr aig luchd-turais, agus na taighean-òsta mòra Bhictorianach aige is a thaighean-aoigheachd a' toirt seachad àiteachan-fuirich do dhaoine a' tadhal air a' Ghàidhealtachd. Am measg nan àiteachan eile a tharraingeas luchd-turais, tha raon goilf nan seallaidhean ann, Taigh Tasgaidh na Leanabachd agus Pàilleann Spà Shrath Pheofhair

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loidse Bhail' Mhoireil, Srath Pheofhair

ROS: Fothraitidh

1950an

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Ros is Cromba; uisgeachan meinnireach; fuarain; rumannan pumpa; spàthan; àiteachan spà; leigheasan eile; rèilean; turasachd; taighean tasgaidh; spors; fèisdeas; taighean-òsta; bùithean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection