Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Srath Pheofhair agus Beinn Uais
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1252
ÀITE
Srath Pheofhair
SGÌRE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Fothraitidh
LINN
1890an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33178
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd Rois
Ros is Cromba
uisgeachan meinnireach
fuarain
rumannan pumpa
spàthan
àiteachan spà
leigheasan eile
rèilean
turasachd
taighean tasgaidh
spors
fèisdeas
taighean-òsta
bùithean
Strathpeffer and Ben Wyvis

Sa chairt-phuist seo tha dealbh ann de bhaile Shrath Pheofhair agus Beinn Uais air a chùlaibh. Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6km) an iar air Inbhir Pheofharain ann an srath Abhainn Pheofharain. Tha an gleann air a dhìon dhan taobh tuath le Beinn Uamhais (3431 troigh, 1046 meatair) agus dhan iar le beanntan Shiorrachd Rois. Tha druim chumhang leis an ainm Druim Chat na chrìoch aige dhan taobh a deas. Tha Abhainn Pheofhair na ruith dhan ear a-steach do Linne Chrombaigh.

'S ann mar thoradh air na fuarain de phronnastan a chaidh an lorg ann sna 1770an a dh'fhàs baile Srath Pheofhair ann am meud is cho mòr aig daoine. Aig toiseach an 19mh linn sgaoil dotair o Shiorrachd Obair Dheadhain, an Dr Moireasdan, fios mu bhuaidhean slànachaidh nan uisgeachan, agus air a mholaidhean-san, chaidh a' chiad rùm pumpa de dh'fhiodh a thogail ann an 1819. Le taic làidir o Bhaniarla Chrombaigh an là sin, leasaich am baile beag na àite spà Bhictorianach. Ann an 1885 nuair a dh'fhosgail meur Shrath Pheofhair de Rèile Inbhir Pheofharain is an Eilein Sgitheanaich bha e na bu tharraingiche buileach. Chaidh iomadh taigh-òsta eireachdail agus aitreabh mòr Bhictorianach a thogail gus an àireamh de luchd-turais a fhrithealadh nuair a thigeadh iad "a ghabhail nan uisgeachan." Gu ruig àm a' Chiad Chogaidh 's e àite mòr tàlaidh an luchd-turais a bha sa bhaile, ach às dèidh sin chaidh àireamh an luchd-turais sìos.

An-diugh tha Srath Pheofhair a-rithist mòr aig luchd-turais, agus na taighean-òsta mòra Bhictorianach aige is a thaighean-aoigheachd a' toirt seachad àiteachan-fuirich do dhaoine a' tadhal air a' Ghàidhealtachd. Am measg nan àiteachan eile a tharraingeas luchd-turais tha raon goilf nan seallaidhean ann, Taigh Tasgaidh na Leanabachd, Pàilleann Spà Shrath Pheofhair agus Rùm Uarach a' Phumpa far am faod luchd-turais aon uair eile na h-uisgeachan slànachaidh fheuchainn

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Srath Pheofhair agus Beinn Uais

ROS: Fothraitidh

1890an

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Ros is Cromba; uisgeachan meinnireach; fuarain; rumannan pumpa; spàthan; àiteachan spà; leigheasan eile; rèilean; turasachd; taighean tasgaidh; spors; fèisdeas; taighean-òsta; bùithean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Sa chairt-phuist seo tha dealbh ann de bhaile Shrath Pheofhair agus Beinn Uais air a chùlaibh. Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6km) an iar air Inbhir Pheofharain ann an srath Abhainn Pheofharain. Tha an gleann air a dhìon dhan taobh tuath le Beinn Uamhais (3431 troigh, 1046 meatair) agus dhan iar le beanntan Shiorrachd Rois. Tha druim chumhang leis an ainm Druim Chat na chrìoch aige dhan taobh a deas. Tha Abhainn Pheofhair na ruith dhan ear a-steach do Linne Chrombaigh.<br /> <br /> 'S ann mar thoradh air na fuarain de phronnastan a chaidh an lorg ann sna 1770an a dh'fhàs baile Srath Pheofhair ann am meud is cho mòr aig daoine. Aig toiseach an 19mh linn sgaoil dotair o Shiorrachd Obair Dheadhain, an Dr Moireasdan, fios mu bhuaidhean slànachaidh nan uisgeachan, agus air a mholaidhean-san, chaidh a' chiad rùm pumpa de dh'fhiodh a thogail ann an 1819. Le taic làidir o Bhaniarla Chrombaigh an là sin, leasaich am baile beag na àite spà Bhictorianach. Ann an 1885 nuair a dh'fhosgail meur Shrath Pheofhair de Rèile Inbhir Pheofharain is an Eilein Sgitheanaich bha e na bu tharraingiche buileach. Chaidh iomadh taigh-òsta eireachdail agus aitreabh mòr Bhictorianach a thogail gus an àireamh de luchd-turais a fhrithealadh nuair a thigeadh iad "a ghabhail nan uisgeachan." Gu ruig àm a' Chiad Chogaidh 's e àite mòr tàlaidh an luchd-turais a bha sa bhaile, ach às dèidh sin chaidh àireamh an luchd-turais sìos.<br /> <br /> An-diugh tha Srath Pheofhair a-rithist mòr aig luchd-turais, agus na taighean-òsta mòra Bhictorianach aige is a thaighean-aoigheachd a' toirt seachad àiteachan-fuirich do dhaoine a' tadhal air a' Ghàidhealtachd. Am measg nan àiteachan eile a tharraingeas luchd-turais tha raon goilf nan seallaidhean ann, Taigh Tasgaidh na Leanabachd, Pàilleann Spà Shrath Pheofhair agus Rùm Uarach a' Phumpa far am faod luchd-turais aon uair eile na h-uisgeachan slànachaidh fheuchainn