Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Strathpeffer looking to Ben Wyvis

Sa chairt-phuist seo, a chaidh a phostadh ann an 1905, chithear baile Shrath Pheofhair agus Beinn Uais air a chùlaibh. 'S e Pàilleann Shrath Pheofhair a tha san togalach mhòr gheal ris a' bheulaibh, agus air an taobh a deas dheth gabhaidh an dà thùr aig prìomh Rùm a' Phumpa fhaicinn. 'S e Eaglais Shaor na h-Alba, a chaidh fhosgladh ann an 1886, a tha san eaglais beagan shuas an cnoc bho Rùm a' Phumpa.

Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6cil) an iar air Inbhir Pheofharain ann an srath Abhainn Pheofharain. 'S ann mar thoradh air na fuarain de phronnastan a chaidh a lorg ann sna 1770an a dh'fhàs e ann am meud is cho mòr aig daoine. Aig toiseach an 19mh linn sgaoil dotair o Shiorrachd Obair Dheathain, an Dr Moireasdan, fios mu bhuaidhean slànachaidh nan uisgeachan, agus air a mholaidhean-san, chaidh a' chiad rùm pumpa de dh'fhiodh a thogail ann an 1819.

Le taic làidir o Bhaniarla Chrombaidh an là sin, leasaich am baile beag na àite Bhictorianach airson tadhal nan uisgeachan. Ann an 1885 nuair a dh'fhosgail meur Shrath Pheofhair de Rèile Inbhir Pheofharain is an Eilein Sgitheanaich bha e na bu tharraingiche buileach. Chaidh iomadh taigh-òsta eireachdail agus aitreabh mòr Bhictorianach a thogail gus an àireamh de luchd-turais a fhrithealadh nuair a thigeadh iad "a ghabhail nan uisgeachan." Leis na goireasan leasaichte seo bha Srath Pheofhair comasach air cò-strì le bailtean spà eile ann am Breatainn 's ann an Roinn Eòrpa. Gu ruig àm a' Chiad Chogaidh 's e àite mòr tàlaidh an luchd-turais a bha sa bhaile, ach às dèidh sin chaidh àireamh an luchd-turais sìos.

Chaidh prìomh Rùm a' Phumpa a leagail sna 1950an ach tha Rùm Uarach a' Phumpa, ri taobh a' Phàillinn, fhathast ann. Tha e a-nis na dhachaigh do dhiofar thaisbeanadh fiosrachail a tha ag innse eachdraidh leasachadh an Spà agus faodaidh luchd-turais na h-uisgeachan slànachaidh fheuchainn aon uair eile. Tha Srath Pheofhair a-rithist mòr aig luchd-turais, agus na taighean-òsta mòra Bhictorianach aige is a thaighean-aoigheachd a' toirt seachad àiteachan-fuirich do dhaoine a' tadhal air a' Ghàidhealtachd. Am measg nan àiteachan eile a tharraingeas luchd-turais, tha raon goilf nan seallaidhean ann, Taigh Tasgaidh na Leanabachd agus Pàilleann Spà Shrath Pheofhair

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Srath Pheofhair a' coimhead gu Beinn Uais

ROS: Fothraitidh

1900an

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Ros is Cromba; uisgeachan meinnireach; fuarain; rumannan pumpa; spàthan; àiteachan spà; leigheasan eile; rèilean; turasachd; taighean tasgaidh; spors; fèisdeas; taighean-òsta; bùithean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection