Ùrachadh mu Dheireadh 11/04/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Strathpeffer and Ben Wyvis

Sa chairt-phuist seo chithear baile Shrath Pheofhair is Bein Uais air a chùlaibh. Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6cil.) an iar air Inbhir Pheofharain ann an srath Abhainn Pheofharain. Tha an gleann air a dhìon gu tuath le Beinn Uais agus dhan iar le beanntan Siorrachd Rois. Tha druim cumhang leis an ainm Druim Chat na chrìoch aige gu deas. Tha Abhainn Pheofhair a' ruith dhan ear
a-steach do Linne Chrombaidh.

'S ann mar thoradh air na fuarain de phronnasg a chaidh an lorg ann sna 1770an a dh'fhàs e ann am meud is cho mòr aig daoine. Le taic làidir o Bhan-iarla Chrombaidh an uair sin, leasaich am baile beag na àite Bhioctorianach airson tadhal nan uisgeachan. Ann an 1885 nuair a dh'fhosgail meur Shrath Pheofhair de Rèile Inbhir Pheofharain is an Eilein Sgitheanaich bha e na bu tharraingiche buileach.

'S e Rothach a th' ann am Beinn Uais (a' ciallachadh 'Beinn Bhrùideil) is I 3431 troigh (1046 meatair) a dh'àirde. Ag èirigh bho bhonn leathann, le guailnean farsaing gu mullach rèidh fada, 's e sreath de mhullaichean a th' ann gu ceart, a' phàirt as motha leis an ainm Glas Leathad Mòr.

Tha a' bheinn deànte le Moine schist, air a mheasgachadh le Gneiss Leòdhasach. Tha fiadh-bheatha pailt air a bruthaichean, le còrr is 170 diofar seòrsa lusan, is còinneach mholach nan lùib. Am measg nam beathach air Beinn Uais tha an ruadhag agus am fiadh, an taghan is an geàrr, is i cuideachd a' toirt dachaigh don fheadaig bhuidhe, cearc-fhraoich, fitheach is an tàrmachan.

Eadhon am meadhan an t-samhraidh, chithear breacadh sneachda air na coireachan gu tuath air Beinn Uais. Sgrìobh fear a bha ag obair aig an New Statistical Account an 1838 gu robh "the principal proprietor holds his right of possession from his Majesty, on condition of presenting a snow-ball at the court of St James' on any day of the year on which it may be required."

Mar as trice, bidh luchd-tadhail na beinne a' tighinn thuice à Gairbh, far a bheil an dìreadh nas fhasa. Chithear bho mhullach na beinne Linne Mhoireibh air fad gu tuath is gu sear, Am Monadh Ruadh gu deas agus na beanntan Fanaich gu siar

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Srath Pheofhair agus Beinn Uais

ROS: Fothraitidh

1920an

cairtean-puist; Siorrachd-Rois; Ros is Cromba; bùrn-iarainn; bùrn-èirigh; spà; àite-tadhail spàtha; cungaidh neo-àbhaisteach; cungaidh choiliontach; turasachd; bailtean; cnuic, beanntan; eòin; ball-sneachda; coiseachd nam beann; cuairtean chnoc; streap

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection