Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Strathpeffer from the north west

Chithear sa chairt-phuist sealladh air Srath Pheofhair bhon iar thuath. Air taobh thall a' bhaile, chithear Taigh-òsta Beinn Uais sna liosan mòra aige. Chaidh fhosgladh gus àite-fuirich a thoirt do chuid dhen luchd-tadhail a b' uaisle is e na phrìomh àite-tadhail spàtha.

Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6cil) an iar air Inbhir Pheofharain ann an gleann Abhainn Pheofharain. Dh'fhàs e cliùiteach air sgàth gun do lorgadh fuarain phronnaisg ann anns na 1770an. Aig toiseach an 19mh linn, dh'ìnnis fear à siorrachd Obar Dheathain, dham b' ainm an Dotair Moireasdan, mun chumhachd leighis aig an uisge, agus air sgàth a chomhairle, thogadh a' chiad sheòmar-pumpaidh de dh' fhiodh ann an 1819. Ann an 1861, thogadh seòmar-pumpaidh làidir cloiche an àite an togalaich fhiodha.

Le taic mhòr bho Bhan-Iarla Chrombaidh, dh'fhàs Srath-Pheofhair mar Spà Bhictòrianach. Chuidich e gu mòr gun do dh'fhosgail meur Srath Pheofhair de Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich ann an 1885. Thogadh iomadh taigh-òsta spaideil agus taigh mòr Bhictòrianach a ghabhadh an luchd-turais a bha a' tighinn gu cunbhalach air sgàth an uisge. Leig na goireasan leasaichte le Srath Pheofhair a bhith ann am farpais ri bailtean spàtha eile ann am Breatann agus anns an Roinn Eòrpa. Gu àm a' chiad chogaidh, bhiodh mòran a' tighinn dhan bhaile, ach an dèidh sin cha robh uimhir de dh' ùidh ann.

Leagadh am prìomh Sheòmar-Pumpaidh anns na 1950an, ach tha an Seòmar Pumpaidh Àrd, a tha ri taobh a' Phàillein, ann fhathast. Tha taisbeanadh ann a-nis a tha ag innse eachdraidh an Spàtha, agus faodaidh luchd-turais an t-uisge fheuchainn. Tha luchd-turais a-rithist a' tighinn gu Srath Pheofhair, agus bidh luchd-turais a' fuireach anns na taighean-òsta agus taighean-aoigheachd Bhictorianach. Am measg nan goireasan eile anns a' bhaile, tha raon-goilf brèagha, Taigh-tasgaidh na Cloinne agus Pàillean Spà Srath Pheofhair

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Srath Pheofhair bhon iar thuath

ROS: Fothraitidh

cairtean-puist; Siorrachd-Rois; Ros is Cromba; bùrn-iarainn; bùrn-èirigh; spà; àite-tadhail spàtha; cungaidh neo-àbhaisteach; cungaidh choileantach; turasachd; bailtean; rathaidean-iarainn; taighean-tasgaidh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection