Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Srath Pheofhair a' coimhead gu Cnoc Fearralaidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1270
ÀITE
Srath Pheofhair
SGÌRE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Fothraitidh
LINN
1910an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33196
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd-Rois
Ros is Cromba
bùrn-iarainn
bùrn-èirigh
spà
àite-tadhail spàtha
cungaidh neo-àbhaisteach
cungaidh choiliontach
turasachd
bailtean
cnuic, dùin
Strathpeffer looking to Knockfarrel

Sa chairt-phuist seo chithear Srath Pheofhair coimhead suas gu cnoc ris an canar Cnoc Farralaidh. Tha Srath Pheofhair 4 mìle (cil.) an iar air Inbhir Pheofharain ann an srath Abhainn Pheofharain. Tha an gleann air a dhìon gu tuath le Beinn Uais (3431 troigh, 1046 meatair) agus dhan iar le beanntan Siorrachd Rois. Tha druim cumhang leis an ainm Druim Chat na chrìoch aige dhan taobh a deas. Tha Abhainn Pheofhair na ruith dhan ear a-steach do Linne Chrombaidh. 'S ann mar thoradh air na fuarain de phronnasg a chaidh an lorg ann sna 1770an a dh'fhàs e ann am meud is cho mòr aig daoine. Le taic làidir o Bhan-iarla Chrombaidh an uair sin, leasaich am baile beag na àite Bhioctorianach airson tadhal nan uisgeachan.

'S e cnoc beag bideanach a th' ann an Cnoc Fearralaidh anns a bheil 579 troigh (190m) a dh' àirde. Tha a' chreag cha mhòr dìreach air an taobh a deas agus an taobh a tuath. Tha i aig ceann droma ris an canar Druim a' Chait agus agus tha làrach dùin ghlainnichte o Linn an Iarrainn air a mullach. Tha àite fada, còmhnard, cruinn le togalaichean aig gach ceann air a chuartachadh le torran mòra de chloich ghlainnichte a bha uair nan gàrradh. An taobh a-staigh dhen sin tha coltas tuilleadh de thogail glainnichte, agus na tha air fhàgail de sheann tobar. Tha beachd ann gum faodadh e bhith gur e Cnoc Fearralaidh fear dhe na prìomh àiteachan-fuirich aig Fionn, a rèir na dh'innis Oisean.

Tha grunn bheachdan ann mu ghlainneachadh. Dh'fhaodadh e tachairt nuair a rachadh togalaichean a chur nan teine, 's ma dh'fhaoidte le cinneadh faisg air làimh. Tha beachd eile gun robh an dùn air a thogail o thùs mar dhìon, le clachan gun cheangal, agus gun robh an suidheachadh àrd aige ga dhèanamh iomchaidh mar àite rabhaidh. Dh'fhaodadh gun robh buaidh aig teinntean rabhaidh uaireigin air a' mheasgachadh de chlachan is sprùilleach eile a ghabhadh leaghadh, ag adhbharachadh glainneachadh.

Tha Cnoc Fearralaidh glè choltach ri cnuic eile air am faighear dùin ghlainnichte, oir tha e nochdte agus tha sealladh farsaing bhuaithe. Gheibhear eisimpleirean eile aig Cnoc an Ùird, Ceasag a Tuath, agus an Creag Phàdraig faisg air Inbhir Nis. O mhullach
Cnoc Fearralaidh chithear, chun an ear, Caolas Chrombaidh agus na Sùdraichean; gu deas chithear Loch Ùsaidh, anns a bheil a' chlach a chleachd Fiosaiche Bhrathainn airson fàisneachadh; chun an iar chithear beanntan Taobh Siar Siorrachd Rois, agus gu tuath tha Beinn Uais, le gleann Srath Pheofhair ris an aghaidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Srath Pheofhair a' coimhead gu Cnoc Fearralaidh

ROS: Fothraitidh

1910an

cairtean-puist; Siorrachd-Rois; Ros is Cromba; bùrn-iarainn; bùrn-èirigh; spà; àite-tadhail spàtha; cungaidh neo-àbhaisteach; cungaidh choiliontach; turasachd; bailtean; cnuic, dùin

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection