Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Strathpeffer and the Strathconon hills

Sa chairt-phuist seo chithear sealladh air Srath Pheofhair a' coimhead gun iar agus beanntan Srath Chonain. Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6cil.) an iar air Inbhir Pheofharain ann an srath Abhainn Pheofharain. Tha an gleann air a dhìon dhan taobh tuath le Beinn Uais agus dhan iar le beanntan Shiorrachd Rois. Tha druim cumhang leis an ainm Druim Chat na chrìoch aige dhan taobh a deas. Tha Abhainn Pheofhair a' ruith dhan ear a-steach do Linne Chrombaidh.

'S ann mar thoradh air na fuarain de phronnasg a chaidh an lorg ann sna 1770an a dh'fhàs e ann am meud is cho mòr aig daoine. Le taic làidir o Bhan-iarla Chrombaidh an uair sin, leasaich am baile beag na àite Bhioctorianach airson tadhal nan uisgeachan. Ann an 1885 nuair a dh'fhosgail meur Shrath Pheofhair de Rèile Inbhir Pheofharain is an Eilein Sgitheanaich bha e na bu tharraingiche buileach.

Tha na beanntan dèante à Moine schist, air a mheasgachadh le sliseagan de ghneiss Leòdhasach. Tha fianais ann gu bheil daoine air a bhith a' fuireach an Srath Chonain bho Linn an Umha ach chaidh an srath fhuadachadh sna 1840an leis na sealbhaidearan, teaghlach Bhaile Phùir, gus ionaltradh a thoirt do chaoraich. Thathar ag ràdh gun deach mu 500 neach a chur às, cuid aca gu oighreachdan a bha faisg is cuid aca dhan Eilean Dubh. Anns na 1850an bha Srath Chonain ainmeil airson na frìth a bh' ann

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Srath Pheofhair agus beanntan Srath Chonain

ROS: Fothraitidh

cairtean-puist; Siorrachd-Rois; Ros is Cromba; bùrn-iarainn; bùrn-èirigh; spà; àite-tadhail spàtha; cungaidh neo-àbhaisteach; cungaidh choiliontach; turasachd; bailtean; cnuic, beanntan; Na Fuadaichean; frìthean; sealgaireachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Sa chairt-phuist seo chithear sealladh air Srath Pheofhair a' coimhead gun iar agus beanntan Srath Chonain. Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6cil.) an iar air Inbhir Pheofharain ann an srath Abhainn Pheofharain. Tha an gleann air a dhìon dhan taobh tuath le Beinn Uais agus dhan iar le beanntan Shiorrachd Rois. Tha druim cumhang leis an ainm Druim Chat na chrìoch aige dhan taobh a deas. Tha Abhainn Pheofhair a' ruith dhan ear a-steach do Linne Chrombaidh. <br /> <br /> 'S ann mar thoradh air na fuarain de phronnasg a chaidh an lorg ann sna 1770an a dh'fhàs e ann am meud is cho mòr aig daoine. Le taic làidir o Bhan-iarla Chrombaidh an uair sin, leasaich am baile beag na àite Bhioctorianach airson tadhal nan uisgeachan. Ann an 1885 nuair a dh'fhosgail meur Shrath Pheofhair de Rèile Inbhir Pheofharain is an Eilein Sgitheanaich bha e na bu tharraingiche buileach. <br /> <br /> Tha na beanntan dèante à Moine schist, air a mheasgachadh le sliseagan de ghneiss Leòdhasach. Tha fianais ann gu bheil daoine air a bhith a' fuireach an Srath Chonain bho Linn an Umha ach chaidh an srath fhuadachadh sna 1840an leis na sealbhaidearan, teaghlach Bhaile Phùir, gus ionaltradh a thoirt do chaoraich. Thathar ag ràdh gun deach mu 500 neach a chur às, cuid aca gu oighreachdan a bha faisg is cuid aca dhan Eilean Dubh. Anns na 1850an bha Srath Chonain ainmeil airson na frìth a bh' ann