- TIOTAL
- Loch faisg air Srath Pheofhair
- EXTERNAL ID
- QZP40_CARD_1279
- ÀITE
- Srath Pheofhair
- SGÌRE
- Inbhir Pheofharain
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Fothraitidh
- LINN
- 1900an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 33205
- KEYWORDS
- cairtean-puist
Siorrachd Rois, Ros is Cromba
lochan
cnocan
beanntan

Is ann bhon t-sreath 'Oilette' aig Raphael Tuck a tha a' chairt-phuist seo. Tha i a' toirt sealladh air uisgeachan mòra le beanntan air an cùlaibh faisg air Srath Pheofhair, agus 's e 'The Meeting of the Waters' an t-ainm air a' chairt-phuist is pìos air a togail bho dhàn a rinn Sir Bhaltair Scott leis an ainm 'The Lay of the Last Minstrel'.
"Land of brown heath and shaggy wood,
Land of the mountain and the flood."
Ged nach eil fios ann le cinnt dè dha-rìridh an làrach, bidh e coltach bho not air cùl na cairt-phuist gum buin e do shreath Srath Pheofhair le Tuck. 'S math dh'fhaodite gur e Loch Luchairt na h-uisgeachan mòra far a bheil Aibhnichean Mìg agus Sin a' coinneachadh. Tha stèisean cumhachd mòr air a-nis, is e na phàirt den Sgeama Dealan-uisge Chonain a chaidh a thogail eadar 1946 is 1961