Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Srath Pheofhair bho Chnoc Fhearralaidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1283
ÀITE
Srath Pheofhair
SGÌRE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Fothraitidh
LINN
1920an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33209
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd-Rois
Ros is Cromba
bùrn-iarainn
bùrn-èirigh
spà
àite-tadhail spàtha
cungaidh neo-àbhaisteach
cungaidh choiliontach
turasachd
bailtean
cnuic, beanntan
Na Fuadaichean
sealgaireachd
Strathpeffer from Knockfarrel

Sa chairt-phuist seo chithear Srath Pheofhair is Bein Uais air a chùlaibh. Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6cil.) an iar air Inbhir Pheofharain ann an srath Abhainn Pheofharain. Tha an gleann air a dhìon gu tuath le Beinn Uais agus dhan iar le beanntan Shiorrachd Rois. Tha druim cumhang leis an ainm Druim Chat na chrìoch aige gu deas. Tha Abhainn Pheofhair a' ruith dhan ear a-steach do Linne Chrombaidh.

'S ann mar thoradh air na fuarain de phronnasg a chaidh an lorg ann sna 1770an a dh'fhàs e ann am meud is cho mòr aig daoine. Le taic làidir o Bhan-iarla Chrombaidh an uair sin, leasaich am baile beag na àite Bhioctorianach airson tadhal nan uisgeachan. Ann an 1885 nuair a dh'fhosgail meur Shrath Pheofhair de Rèile Inbhir Pheofharain is an Eilein Sgitheanaich bha e na bu tharraingiche buileach.

'S e Rothach a th' ann am Beinn Uais (ciallachadh 'Beinn Bhrùideil) is I 3431 troigh (1046 meatair) a dh'àirde. Ag èirigh bho bhonn leathann, le guailnean farsaing gu mullach rèidh fada, 's e sreath de mhullaichean a th' ann gu ceart, a' phàirt as àirde leis an ainm Glas Leathad Mòr.

Tha na beanntan dèante à Moine schist, air a mheasgachadh le sliseagan de ghneiss Leòdhasach. Tha fianais ann gu bheil daoine air a bhith a' fuireach an Srath Chonain bho Linn an Umha ach chaidh an srath fhuadachadh sna 1840an leis na sealbhaidearan, teaghlach Bhaile Phùir, gus ionaltradh a thoirt do chaoraich. Thathar ag ràdh gun deach mu 500 neach a chur às, cuid aca gu oighreachdan a bha faisg is cuid aca dhan Eilean Dubh. Anns na 1850an bha Srath Chonain ainmeil airson na frìth a bh' ann

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Srath Pheofhair bho Chnoc Fhearralaidh

ROS: Fothraitidh

1920an

cairtean-puist; Siorrachd-Rois; Ros is Cromba; bùrn-iarainn; bùrn-èirigh; spà; àite-tadhail spàtha; cungaidh neo-àbhaisteach; cungaidh choiliontach; turasachd; bailtean; cnuic, beanntan; Na Fuadaichean; sealgaireachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection