- TIOTAL
- Loch Chinn Eilein, Srath Pheofhair
- EXTERNAL ID
- QZP40_CARD_1284
- ÀITE
- Srath Pheofhair
- SGÌRE
- Inbhir Pheofharain
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Fothraitidh
- LINN
- 1900an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 33210
- KEYWORDS
- cairtean-puist
Siorrachd Rois, Ros is Cromba
lochan
eileanan, eòin
cnocan
beanntan

Is ann bhon t-sreath 'Oilette' aig Raphael Tuck a tha a' chairt seo. Tha i a' toirt sealladh air Loch Chinn Eilein, faisg air Srath Pheofhair, air a bheil crannag, no eilean beag fuadain, far an robh daingneachd aig teaghlach MhicCoinnich Shìophoirt. Tha a' chrannag seo am measg iomadach eilean dhen t-seòrsa an Ros is Cromba. Bidh e coltach gu bheil na crannagan seo bho Linn an Iarainn ach tha dh'fhaodadh gun deach an cleachdadh suas chun an t-17mh linn. Bha làraichean math dìon le fìor-uisge gu leòr faisg air làimh aig na crannagan. Dhearbh rannsachadh air an eilean gun deach a thogail gu uachdar na loch le fo-structair fiodha. Tha an loch an-duigh na dachaigh do dh' iomadh seòrsa tunnaig a bharrachd air fallagan, gealagan-lòin is ceileirichean