Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clach na h-Iolaire, Srath Pheofhair
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1298
ÀITE
Srath Pheofhair
SGÌRE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Fothraitidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33224
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd-Rois
Ros is Cromba
Cruithnich
clachan samhladh
fionn-sgeul
beul-aithris
clachan-cuimhneachaidh
fiosaichean
faidhean
The Eagle Stone, Strathpeffer

Chithear sa chairt-phuist seo Clach na h-iolaire, clach inbhe 1 Chruithnich ann am Baile Shrath Pheofhair. 'S e leac Gneiss ghorm a th' innte an ìre mhath cheithir-cheàrnach, ach le beagan briste bhon cheann air an làimh dheis. Tha i 2 throigh is 8 òirleach (80cm) a dh'àirde is 2 throigh (60cm) a leud.

Air an aghaidh air an ear dheas, tha samhla de stuagh is iolaire snaidhte oirre. Shaoileadh cuid gur e crudha a th' anns an stuagh, samhla de dheagh-fhortan, agus cuid gu bheil e a' tarraing dealbh de bhogha-fhrois le buinteanas ri cleasachd Chruithneach na sìde. Chithear an iolaire, samhla air ceannas-cinnidh, ann an suaicheantas iomadh cinnidh. Is math dh'fhaoidte gur e bh' ann ach gun robh a' chlach na clàr de phòsaidhean eadar dà theaghlach cudromach, no na leac-uaghach no mar chomharrachadh-dùthcha.

Tha diofar eadar-theangachaidhean air ainm Gàidhlig na cloiche, 'Clach an Tiompain', leithid 'A' Chlach Thionndadh', 'A' Chach', no 'Clach an Tuim'. Tha a' chlach air meall beag, air muin uaigh 's dòcha, agus iomadh fionn-sgeul a' buntainn rithe. Canaidh cuid gu bheil i na comharra air batail nam meadhan linntean eadar Clann Mhic Coinnich agus Clann Mhic Dhòmhnaill nan Eilean, is cuid gum buin i do bhatail na b' fhaide air adhart eadar Clann Mhic Coinnich is na Rothaich. A rèir an dàrna beachd, bha Ban-iarla Shìophoirt de Chlann Mhic Coinnich na còmhnaidh aig an àm ann an taigh slatach air eilean air Loch Chinn Eilein. Thathas ag ràdh gun tug Rothaich ionnsaigh oirre is thug iad leotha i còmhla ris an taigh aice agus na bha na bhroinn.

Ràinig Clann Mhic Coinnich i ge-tà is rinn iad a' chuis oirre far a bheil Clach na h-Iolaire an-duigh. 'S math dh'fhaoidte gun deach a' chlach a chur air bhonn mar chuimhneachan air an luchd-cinnidh aca, agus an iolaire mar phàirt de shuaicheantas Chlann Rothaich, ach bha a' chlach na seasamh fada ro àm a' bhatail.

Tha clach Chruithneach, Clach na h-Iolaire' ann an Srath Pheofhair. Tha fàistneachd a rinn Coinneach Odhar ag ràdh gum bi soithichean a' leigeil acair sìos anns an àite sin ma thuiteas a' chlach trì turais. Tha a' chlach suidhichte ann an saimeant a-nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clach na h-Iolaire, Srath Pheofhair

ROS: Fothraitidh

cairtean-puist; Siorrachd-Rois; Ros is Cromba; Cruithnich; clachan samhladh; fionn-sgeul; beul-aithris; clachan-cuimhneachaidh; fiosaichean; faidhean;

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection