- TIOTAL
- bhainn Fharrair, Gleann Srath Fharrair
- EXTERNAL ID
- QZP40_CARD_1313
- ÀITE
- Srath Fharrair
- SGÌRE
- An Àird
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Cill Mhòraig
- LINN
- 1930an
- CRUTHADAIR
- J Valentine & Co.
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 33241
- KEYWORDS
- cairtean-puist
Siorrachd Inbhir Nis
aibhnaichean
coilltean
glinn
strathan
lochan
cumhachd dealan-uisge
na Frisealaich

Chithear lòn air Abhainn Fharrair ann an Gleann Srath Fharrair sa chairt-phuist seo. Tha craobhan beithe agus giuthais air bruaichean na h-aibhne. Tha an t-ainm annasach oir tha cha mhòr an aon chiall aig 'gleann' agus 'srath'. Tha beachd ann gur ann bhon fhacal Chruitheach 'var' a' ciallachdh 'lùbadh' a tha e.
Tha mu 12 mhìle a dh'fhaid ann an Gleann Fharrair agus tha e a' giùlan Abhainn Fharrair an ear bho Loch Mhonair tro Loch a' Mhuillidh agus Loch Beannacharan don Abhainn Ghlas faisg air an t-Sruigh. Tha e na pàirt de Sgeama Dealan-uisge Afraig-na Manachainn. Mar thoradh air roinn Srath Farrair den sgeama seo, chaidh ìre Loch Mhonair a thogail agus bidh uisge ga thoirt do ghineadair fo thalamh ann an Deanie tro thunail.
Bha uair a bha Gleann Srath Fharrair air fearann nam Frisealach agus, a rèir beul-aithris, bha Sìm Friseal, am Morair Lovat, am falach air eilean beag ann an Loch a' Mhuillidh an dèidh ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745