Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch a' Mhuilinn, Gleann Shrath Fharrair
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1315
ÀITE
Srath Fharrair
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhòraig
LINN
1930an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33243
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd Inbhir Nis
lochan
glinn
aibhnichean
cumhachd dealan-uisge
na Frisealaich
Loch a Mhuilinn, Glen Strathfarrar

Chithear Loch a' Mhuilinn no Loch a' Mhuilidh ann an Gleann Shrath Fharrair sa chairt-phuist seo. Tha beachd ann gur ann bhon fhacal Chruitheach 'var' a tha a' ciallachdh 'lùbadh' a thàinig an t-ainm Farrair. Tha an ainm na glinne annasach oir tha cha mhòr an aon chiall aig 'gleann' agus 'srath'.

Tha mu 12 mhìle a dh'fhaid ann an Gleann Fharrair agus tha e a' giùlan Abhainn Fharrair an ear bho Loch Mhonair tro Loch a' Mhuillidh agus Loch Beannacharan don Abhainn Ghlas faisg air an t-Sruigh. Tha e na pàirt de Sgeama Dealan-uisge Afraig-na Manachainn. Mar thoradh air roinn Srath Farrair den sgeama seo, chaidh ìre Loch Mhonair a thogail agus bidh uisge ga thoirt do ghineadair fo thalamh ann an Deanie tro thunail.

Bha uair a bha Gleann Srath Fharrair air fearann nam Frisealach agus, a rèir beul-aithris, bha Sìm Friseal, MacShimidh, am falach air eilean beag ann an Loch a' Mhuillidh an dèidh ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch a' Mhuilinn, Gleann Shrath Fharrair

INBHIR NIS: Cill Mhòraig

1930an

cairtean-puist; Siorrachd Inbhir Nis; lochan; glinn; aibhnichean; cumhachd dealan-uisge; na Frisealaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Chithear Loch a' Mhuilinn no Loch a' Mhuilidh ann an Gleann Shrath Fharrair sa chairt-phuist seo. Tha beachd ann gur ann bhon fhacal Chruitheach 'var' a tha a' ciallachdh 'lùbadh' a thàinig an t-ainm Farrair. Tha an ainm na glinne annasach oir tha cha mhòr an aon chiall aig 'gleann' agus 'srath'. <br /> <br /> Tha mu 12 mhìle a dh'fhaid ann an Gleann Fharrair agus tha e a' giùlan Abhainn Fharrair an ear bho Loch Mhonair tro Loch a' Mhuillidh agus Loch Beannacharan don Abhainn Ghlas faisg air an t-Sruigh. Tha e na pàirt de Sgeama Dealan-uisge Afraig-na Manachainn. Mar thoradh air roinn Srath Farrair den sgeama seo, chaidh ìre Loch Mhonair a thogail agus bidh uisge ga thoirt do ghineadair fo thalamh ann an Deanie tro thunail. <br /> <br /> Bha uair a bha Gleann Srath Fharrair air fearann nam Frisealach agus, a rèir beul-aithris, bha Sìm Friseal, MacShimidh, am falach air eilean beag ann an Loch a' Mhuillidh an dèidh ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745