Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Sgurr-na-Vullin from Achnasheen

Chithear Sgurr a' Mhuilinn sa chairt-phuist seo. Is e sreath de chòig stùcan a th' ann an Sgurr a' Mhuillinn. Tha e 2845 troighean a dh'àirde aig a' phuing as àirde. Tha e air aon de na seallaidhean as ainmeil air an rathad-iarainn bhrèagha eadar Inbhir Pheofharain is Caol Loch Aillse.

Chaidh an dealbh seo a thogail à Ach na Sìne, baile beag a tha suidhichte aig crois-rathaid nan rathaidean bho Geàrrloch agus Caol Loch Aillse gu Inbhir Nis. Bha na slighean seo air an cleachdadh le dròbhairean a bha a' dèanamh air margaidhean. Tha fianais ann air seo bhon ainm 'Loch a' Chroisg'. Chaidh rathaidean a thogail faisg air slighean nan dròbhairean tràth san 19mh linn leis an innleadair Tòmas Telford.

Thàinig an rathad-iarainn do dh' Ach na Sìne ann an 1870 - nuair a dh'fhosgail Rathad-iarainn na Gàidhealtachd an loidhne eadar Inbhir Pheofharain agus an t-Eilean Sgitheanach. Dh'fhosgail an companaidh rèile Taigh-òsta Ach na Sìne ri taobh an àrd-ùrlar an ear ach chaidh an togalach a sgrios le teine tràth sna 1990an. Tha an rathad-iarainn fhathast ann ach is e luchd-turais as motha a tha ga chleachdadh gus na seallaidhean brèagha fhaicinn.

Dh'fhaodte gun d'fhuair am baile a ainm a chionn's gu bheil e suidhichte ann an gleann leathann Abhainn Bran far nach eil mòran fasgadh ann. Tha am baile ainmeil airson Barraidean Ach na Sìne a tha nan deagh eisimpleirean de 'glacial outwash deltas' a chaidh a chruthachadh na mìlean de bhliadhnaichean air ais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgurr a' Mhuilinn bho Ach na Sìne

ROS: Cunndainn

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Ros is Cromba; Taobh Siar Rois; beanntan; bailtean; clachain; àiteachan còmhnaidh; beanntan; bailtean; clachain; àiteachan còmhnaidh; dròbhaireachd; rathaidean-iarainn; rèile; glinn; Linn na Deighe

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection