Ùrachadh mu Dheireadh 07/02/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Oisean garbh air an rathad a dh'Ulapul o Gheàrrloch
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1334
ÀITE
Poll Iùbh
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1920an; 1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33262
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd Rois
Ros is Cromba
rathaidean
cnuic
beanntan
A wild corner on the Gairloch to Ullapool road

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn rathad caol a' lùbadh tro na cnuic eadar Geàrrloch agus Ulapul ann an Ros an Iar. Tha Geàrrloch air a dhèanamh suas de shreath thuineachaidhean croitearachd aig ceann a tuath Loch Gheàrr. Tha Ulapul nas fhaide tuath air cladach locha mhara Loch Bhraoin. Tha an rathad eadar an dà thuineachadh a' dol tro fhearann a tha làn sheallaidhean, a'siubhal ri cladach Loch Iubh, Bàgh Ghruinneard agus Loch Bhraoin Beag, agus fo sgàil nam beanntan, an Sàil Mhòr agus An Teallach.

Is e Bràigh a' Chroit a chanar ris a' phìos den rathad a chithear an seo eadar Geàrrloch agus Poll Iubh. Tha Cnuic a' Chàirn Mhòir air fàire agus chithear toiseach Loch Ma Ruibhe air an fhìor thaobh dheas san dealbh. Ged a tha na seallaidhean san dealbh seo a' coimhead garbh, tha an aimsir sa cheàrnaidh air a cumail blàth le Sruth a' Chuain Shiair. Tha mòran phlanntrais fo-thropaigeach nach fhàsadh gu h-àbhaisteach ann an Alba, ann an Gàrraidhean Inbhir Iubh a tha faisg air làimh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Oisean garbh air an rathad a dh'Ulapul o Gheàrrloch

ROS: Geàrrloch

1920an; 1930an

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Ros is Cromba; rathaidean; cnuic; beanntan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn rathad caol a' lùbadh tro na cnuic eadar Geàrrloch agus Ulapul ann an Ros an Iar. Tha Geàrrloch air a dhèanamh suas de shreath thuineachaidhean croitearachd aig ceann a tuath Loch Gheàrr. Tha Ulapul nas fhaide tuath air cladach locha mhara Loch Bhraoin. Tha an rathad eadar an dà thuineachadh a' dol tro fhearann a tha làn sheallaidhean, a'siubhal ri cladach Loch Iubh, Bàgh Ghruinneard agus Loch Bhraoin Beag, agus fo sgàil nam beanntan, an Sàil Mhòr agus An Teallach. <br /> <br /> Is e Bràigh a' Chroit a chanar ris a' phìos den rathad a chithear an seo eadar Geàrrloch agus Poll Iubh. Tha Cnuic a' Chàirn Mhòir air fàire agus chithear toiseach Loch Ma Ruibhe air an fhìor thaobh dheas san dealbh. Ged a tha na seallaidhean san dealbh seo a' coimhead garbh, tha an aimsir sa cheàrnaidh air a cumail blàth le Sruth a' Chuain Shiair. Tha mòran phlanntrais fo-thropaigeach nach fhàsadh gu h-àbhaisteach ann an Alba, ann an Gàrraidhean Inbhir Iubh a tha faisg air làimh.