Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Pìobaire Deònach
EXTERNAL ID
WHA_VN02FI_GA
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
DEIT
1994
LINN
1950an
CRUTHADAIR
West Highland Animation bho sgeulachdan traidiseanta
NEACH-FIOSRACHAIDH
West Highland Animation
AITHNEACHADH MAOINE
3327
KEYWORDS
Cùltar
Beul Aithris
Dealbhan bheò
clann
Os-Nàdurrach
uamh
taibhse
piobaire

uile-bheist
iomhais
bhideo
bhideothan

Get Adobe Flash player

'S e duine gasta a tha sa phìobaire a tha a' dèanamh a shlighe sios dhan uaimh dhorch leis a' chù an tòir air ionmhas. Tha e cunnartach an siud is an t-àite làn bhiastan, làn uilebheistean agus làn mhucan fiadhaich air chuthach. Tha eagal air muinntir an àite, aig a' mhullach, le eagal gun do thachair droch rud nuair a thig an cù air ais na aonar. Ach chan eil am pìobaire deiseil fhathast.

Chaidh am fiolm seo a dhèanamh le cloinn à Bun-sgoil Inbhir Pheofharain mar phàirt den t-sreath deilbh-beò Gàidhlig Gu Leòr airson Dè a-Nis?, BBC Alba. Dh'obraich sgioba de dh'inbhich a bha ag ionnsachadh na Gàidhlig còmhla ris an luchd-ealain agus na beòthadairean gus an cuideachadh. Pheant Catriona NicilleDhuibh a' Bhèist Chruithneach, a bhios a' sgeadachadh ballachan na h-uamha, agus rinn Iseabail Mhoireach na 'Close-ups' mhìorbhaileach den Phìobaire. Chaidh am fiolm a dhèanamh ann an sgàil-dhealbh dubh agus chaidh na seallaidhean a sheallas firinn chùisean an latha an-diugh a dhèanamh ann am plastasan 3D agus cairt. Chuidich Màiri Mhoireasdan, am beothadair, a' chlann leis an dèanamh. Chaidh am fiolm a thaghadh anns an earrainn Dealbh-Beò aig an Ochdamh Fèis Fhiolm is T.Bh. Ceilteach Eadar-Nàiseanta anns A'Chòrn.

Air a dhèanamh le Aonad Gàidhlig Inbhir-Pheofharain: Eilidh NicAsgaill, Raonaid NicAsgaill, Sine NicAsgaill, Becky Girran, Matthew Allan, Rosie Ince, Jack Caimbeul, Ruairidh Caimbeul, Kirsty Marie Chaimbeul, Kirsten NicDhòmhnaill, Rachel Watt.
Agus: Dawn, Carly, Cheryl, Jemma, Shona, Linda, Katie, Rachel.
Taing gu: Anna NicLeoid, Ellen Jack, Andrew Dubinowski, Seumas Marshall, Catriona NicDhòmhnaill, Dòmhnall MacCoinnich, Iain Dòmhnalladh, Torcuil MacCoinnich, Fiona NicChoinnich, Uilleam Liath, Ruth Sinclaire, Màiri Rhind, Catrìona NicIlleDhuibh, Anndra Wiseman, Iseabail Mhoireach, Ruairidh MacNeacail, Màiri NicArtair, Màiri Mhoireasdan, Sandra Cheanadach.
Ceòl le: Seonaidh Caimbeul, Calum MacAoidh, Niall Wakeling.
Taic Airgid bho: C.T.G; Scottish Arts Council National Lottery Fund; C.N.A.G; Roinn na Gaidhealtachd; R.A.C.E; Comhairle Rois agus Chrombaidh.
Àrd-Riochdairean: Donnie MacLeoid agus Eilidh Crossan
Stiùiriche agus Riochdaire: Leaslaidh NicCoinnich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Pìobaire Deònach

ROS: Inbhir Pheofharain

1950an

Cùltar; Beul Aithris; Dealbhan bheò; clann; Os-Nàdurrach; uamh; taibhse; piobaire; cù; uile-bheist; iomhais; bhideo; bhideothan

West Highland Animation

WHA - Gàidhlig Gu Leòr (cartoons)