Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceithir Seallaidhean air Ros an Iar
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1344
ÀITE
multiple views
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33270
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd Rois
Ros is Cromba
beanntan
cnuic
lochan
caibealan
naoimh
coille
coilltean
tèarmann nàdair
aiseagan
rubhannan
Four views of Wester Ross

Tha ceithir seallaidhean air Ros an Iar sa chairt-phuist seo.

Tha an sgìre timcheall air Loch Ma-Ruibhe, san dealbh gu deas gu h-ìseal, cuideachd maiseach. Tha Loch Ma-Ruibhe na loch fìor-uisge a tha a' sgaoileadh mu 12mhìle o Cheann Loch Iùbh taobh Pholl Iùbh. Tha àireamh de dh'eileanan san loch, nam measg Eilean Ma-Ruibhe air a bheil tobhta de chaibeal a tha iad ag ràdh a chaidh a stèidheachadh leis an Naomh Maol Rubha san t-7mh linn. Tha Sleaghach, 3215 troigh (980 meatair) ann an àirde, na laighe air taobh a tuath an loch agus air a thaobh a deas tha seann choille Chailleanach ann a th' ann an Tèarmann Nàdair Nàiseanta Beinn Eighe.

Gu deas gu h-àrd chithear Caisteal Eilean Donnain, fear de na caistealan an Alba as trice a chaidh a thogail ann an deilbh. 'S dòcha gu robh daoine a' fuireach cho fada air ais ris an treas linn air an eilean bheag air a bheil an caisteal na shuidhe, ach chaidh an caisteal tùsail a thogail san 13mh linn. 'S ann le clann MhicRath a bha e fad 400 bliadhna, ach chaidh a sgrios le feachdan nèibhidh an riaghaltais ann an 1719 nuair a bha saighdearan Seumasach agus on Spàinn a' fuireach ann. Chaidh an t-eilean a cheannach ann an 1913, agus chaidh an caisteal a th' ann an-diugh ath-thogail bho na tobhtaichean le Fearchar MacRath airson Lt. Còirneal MacRath-Gilstrap.

Gu deas gu h-ìseal tha Loch Carrann, loch-mhara a tha a' fosgladh ri Caolas a-staigh an Eilein Sgitheanaich. Tha loch a-staigh agus loch a-muigh ann an Loch Carrann agus rubha na laighe eatorra aig an t-Sròm a Tuath, a tha na àite-seallaidh agus na àite dol-tarsainn a tha math is feumail. Gu ruige 1970 bha seirbheis aiseig a' ruith eadar Sròm a Tuath agus Port an t-Sròim air tràigh a deas an loch. Chithear an t-aiseag seo san dealbh gu clì gu h-ìseal

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceithir Seallaidhean air Ros an Iar

1960an

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Ros is Cromba; beanntan; cnuic; lochan; caibealan; naoimh; coille; coilltean; tèarmann nàdair; aiseagan; rubhannan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection