Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clach-chuimhne air Turas na Banrigh Bhioctoria gu Loch Ma-Ruibhe
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1345
ÀITE
Loch Ma-Ruibhe
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33271
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd Rois
Ros is Cromba
Ros an Iar
turasachd
carraighean-cuimhne
taighean-òsta
lochan
turasachd
Memorial Stone of Queen Victoria's visit to Loch Maree

Sa chairt-phuist seo chithear a' chlach-chuimhne air turas na Banrigh Bhioctoria gu Loch Ma-Ruibhe ann an 1877. Seo mar a tha sgrìobhte air a' chloich:

'On the fourteenth day of the middle month of autumn 1877
Queen Victoria came to see Loch Maree and the surrounding areas.
She spent a night here in yonder hotel and kindly agreed to this memorial
to the pleasure she gained from visiting this part of Ross.'

Dh'fhuirich a' Bhanrigh ann an Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe fad sia oidhche agus chòrd a turas rithe, turas a tha cuideachd air a chuimhneachadh ann an ainm Eas Bhioctoria a tha mu mhìle gu tuath air an Taigh-òsta ann an Coille Shleibhteadail.

Tha Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe air tràigh Loch Ma-Ruibhe, loch fìor-uisge a tha a' sgaoileadh mu 12 mhìle o Cheann Loch Iùbh taobh Pholl Iùbh. Chaidh cliù an taigh-òsta a mhilleadh anns an Lùnastal 1922 nuair a bhàsaich còignear den luchd-turais aca le puinnseanachadh an dèidh dhaibh ceapairean de thaois tunnaig ithe. Ged a chaidh a mheas gur e tubaist a thug bàs dhaibh tha an droch-chliù fhathast aig an taigh-òsta gur ann an sin a thachair a' chùis-mhulaid puinnseanachaidh bìdh a bu mhiosa riamh ann am Breatainn

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clach-chuimhne air Turas na Banrigh Bhioctoria gu Loch Ma-Ruibhe

ROS: Geàrrloch

1900an

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Ros is Cromba; Ros an Iar; turasachd; carraighean-cuimhne; taighean-òsta; lochan; turasachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection