Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgadan Airgid
EXTERNAL ID
WHA_VP3_01FI_GA
ÀITE
Ulapul
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
DEIT
1996
LINN
1400an
CRUTHADAIR
West Highland Animation bho sgeulachdan traidiseanta
NEACH-FIOSRACHAIDH
West Highland Animation
AITHNEACHADH MAOINE
3328
KEYWORDS
Cùltar
Beul Aithris
Dealbhan bheò
clann
ainmhidh
faoin sgeulach
sgàdan
Eilean Leodhais
Ulapul
iasgach
bhana-buidseach mhara
bhideo
bhideothan

Get Adobe Flash player

Chan urrainn do dh'iasgairean Ulapuil iasg a ghlacadh fhad 's a bhios na h-iasgairean thar na mara air Eilean Leòdhais a' tarraing a-steach lìon as dèidh lìn làn sgadan. Ann am fìor èiginn, leaghar seudan mnathan Ulapuil gus Sgadan Airgid a dhèanamh agus a thoirt do na fir aca, a tha nan iasgairean, mar bhaoit. Feumaidh fir Ulapuil a' bhana-bhuidseach a mhealladh oir 's e freiceadan-oirthire air iomall-fairge Leòdhais a tha innte. Aon uair 's gum faigh fir Ulapuil a-mach an dòigh as fheàrr air sin a dhèanamh, bheir maise an sgadain airgid sgaothan sgadan air ais gu Ulapul.

Chaidh am fiolm seo a dhèanamh le cloinn bho Aonad Gàidhlig Bun-sgoil Ulapuil. Chaidh an obair-ealain a dhèanamh ann am bùth-obrach, a thug seachdain sna làithean-saora, airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig gach aois, leis an luchd-ealain agus na beòthadairean aig Gàidhlig gu Leòr (GGL) ann Talla a' Bhaile ann an Ulapul.

Rinn clann bho Aonad Gàidhlig Bun-sgoil Ulapuil an dealbh-beò agus am fiolmadh. Chaidh na cùl-ionadan is na caractaran uile a dhèanamh gu h-àraidh bho stùth air a pheantadh le làimh. Bha an stoidhle garbh ach èifeachdach. Bha an ceòl le Tommy Beavitt, fear-ciùil bhon Taobh an Iar. B'e am fiolm seo pàirt den t-sreath GGL airson Dè a-Nis?, BBC Alba. Bhuannaich e an Seula Òir anns a' Cho-Fharpais airson Fiolm is Bhideo Eadar-Nàiseanta IAC, ann an 1997.

Air a dhèanamh le clas 3 Aonad Gàidhlig Bun-sgoil Ulapuil: Adele, Jennifer, Andrew, Ryan, Lucy, Hamish, Calum, Hannah, Kyle, Donna, Seonaidh.
Taing gu: Niall MacFhionghuin, Mgr.Nichols, John Walters, Robbie NicCoinnich, Linda NicIlleain, Catriona agus Niall, Catriona NicIlleDhuibh, Anndra Wiseman, Iseabail Mhoireach, Màiri NicArtair, Ruairidh MacNeacail, Màiri Mhoireasdan, Sandra Cheanadach.
Ceòl le: Tommy Beavitt.
Taic Airgid Bho: C.T.G., Scottish Arts Council, National Lottery Funding, C.N.A.G, Roinn na Gaidhealtachd, R.A.C.E, Comhairle Rois agus Chrombaidh
Stiùiriche agus Riochdaire: Leaslaidh NicCoinnich
Àrd-Riochdaire: Eilidh Crossan agus Donnie MacLeòid

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgadan Airgid

ROS: Loch Bhraoin

1400an

Cùltar; Beul Aithris; Dealbhan bheò; clann; ainmhidh; faoin sgeulach; sgàdan; Eilean Leodhais; Ulapul; iasgach; bhana-buidseach mhara; bhideo; bhideothan

West Highland Animation

WHA - Gàidhlig Gu Leòr (cartoons)