Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cleoc Cuimhneachaidh Sir J A Fowler, Ulapul
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1359
ÀITE
Ulapul
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
LINN
1900an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33285
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd Rois
Ros is Cromba
Ros an Iar
cleocaichean
carraighean-cuimhne
cuimhneachain
Sir J A Fowler Memorial Clock, Ullapool

Sa chairt-phuist seo chithear Cleoc Cuimhneachaidh Sir J A Fowler ann an Ulapul. Chaidh an cleoc, a th' air a dhèanamh à iarann molldaichte, le dà lampa agus coileach-gaoithe air, a chur suas ann an 1899 mar chuimhneachan air Sir Iain Artar Fowler (1817-1898) agus a theaghlach. Bha Sir Iain a' fuireach ann an Taigh a' Bhràigh Mhòir faisg air a' Choire Shalach. 'S e innleadair a bh' ann, a rugadh ann an Sheffield agus a dhealbhaich iomadh rèile agus Drochaid-rèile Uisge Fhor.

Chaidh uidheam a' chleoc a dhèanamh le Dent & Co., Lunnainn, agus bha an cleoc an toiseach air an rathad aig oisean Sràid a' Chidhe is Sràid Earra-ghàidheil. Sna 1960an chaidh a ghluasad gu Sràid Earra-ghàidheil an Iar oir bha daoine a' gearan gu robh e a' cur na trafaig troimhe chèile ach tha e air aithris nach do chùm e ris an uair cho math an dèidh dhaibh a ghluasad. Gu ruig 1995 bha an cleoc air a rothaigeadh le làimh ach an-diugh 's e dealan a tha ga chur gu dol

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cleoc Cuimhneachaidh Sir J A Fowler, Ulapul

ROS: Loch Bhraoin

1900an

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Ros is Cromba; Ros an Iar; cleocaichean; carraighean-cuimhne; cuimhneachain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Sa chairt-phuist seo chithear Cleoc Cuimhneachaidh Sir J A Fowler ann an Ulapul. Chaidh an cleoc, a th' air a dhèanamh à iarann molldaichte, le dà lampa agus coileach-gaoithe air, a chur suas ann an 1899 mar chuimhneachan air Sir Iain Artar Fowler (1817-1898) agus a theaghlach. Bha Sir Iain a' fuireach ann an Taigh a' Bhràigh Mhòir faisg air a' Choire Shalach. 'S e innleadair a bh' ann, a rugadh ann an Sheffield agus a dhealbhaich iomadh rèile agus Drochaid-rèile Uisge Fhor.<br /> <br /> Chaidh uidheam a' chleoc a dhèanamh le Dent & Co., Lunnainn, agus bha an cleoc an toiseach air an rathad aig oisean Sràid a' Chidhe is Sràid Earra-ghàidheil. Sna 1960an chaidh a ghluasad gu Sràid Earra-ghàidheil an Iar oir bha daoine a' gearan gu robh e a' cur na trafaig troimhe chèile ach tha e air aithris nach do chùm e ris an uair cho math an dèidh dhaibh a ghluasad. Gu ruig 1995 bha an cleoc air a rothaigeadh le làimh ach an-diugh 's e dealan a tha ga chur gu dol