- TIOTAL
- Cidhe agus Loch Bhraoin, Ulapul
- EXTERNAL ID
- QZP40_CARD_1360
- ÀITE
- Ulapul
- SGÌRE
- Loch Bhraoin
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Bhraoin
- LINN
- 1950an
- CRUTHADAIR
- J Valentine & Co.
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 33286
- KEYWORDS
- cairtean-puist
Siorrachd Rois
Ros is Cromba
Ros an Iar
clachain
lochan
cidheachan
aiseagan
bùithtean
stòr
turasachd
calachan

Sa chairt-phuist seo chithear sealladh air cidhe Ulapuil agus Loch Bhraoin air a chùlaibh. Tha an t-ainm 'Braon' a' tighinn bho fhacal a tha a' ciallachadh 'àite nam frasan'. Tha tràighean Loch Bhraoin làn choilltean is rubhannan creagach agus tha iomadh acarsaid fhasgach nam measg.
Thòisich baile Ulapuil nuair a chaidh a dhealbh le Tòmas Telford airson Comann Iasgach Bhreatainn ann an 1788. Ged a thàinig crìonadh air gnìomhachas iasgach an sgadain san 19mh linn, chùm Ulapul àite mar bhaile trang mar thoradh air a' chala. An-diugh tha e na cheann-uidhe do sheirbheis aiseag chàraichean Steòrnabhaigh agus tha e na àite tarraingeach do luchd-turais.
Tha a h-uile coltas gun deach an togalach gealaichte, air taobh chlì na deilbh, a thogail ann an 1789 agus 's e an 'Stòr Mòr' a bh' aca air an uair sin. Bha e am measg grunnan thaighean-stòir a chaidh a thogail nuair a stèidhicheadh am baile le Comunn Iasgach Bhreatainn. Am measg bathar eile bhiodh iad a' cumail bharaillean de shalainn san togalach seo agus chithear bleideagan salainn uaireannan fhathast air mullach an t-seòmair.
'S e 'Oisean an Stòir' a bhiodh aca air an àite taobh a-muigh an Stòir Mhòir agus 's e àite a bh' ann far am biodh muinntir na sgìre a' coinneachadh a chèile. Dh'fhaodadh tu cuideachd cuideigin a lorg an sin a dhèanadh obair aon là.
Tha an togalach an-diugh air a chleachdadh mar bhùth leis an ainm 'The Captain's Cabin' a bhios a' reic leabhraichean, stuth-ceàirde agus cuimhneachain