Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Beinn Ghobhlach is Loch Bhraoin bho os cionn Ulapuil
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1372
ÀITE
Ulapul
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33298
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd Rois
Ros is Cromba
Ros an Iar
beanntan
clachain
luchd-turais
luchd-coiseachd nam beann
aiseagan
calachan
rubhannan
Beinn Ghobhlach and Loch Broom from above Ullapool

San dealbh seo chithear baile beag Ulapuil air cladach a tuath Loch Bhraoin, agus Beinn Ghobhlach air a' chùlaibh. 'S e druim le dà mhullach a th' ann am Beinn Ghobhlach agus tha i na seasamh air Rubha Scoraig eadar Loch Bhraoin is Loch Bhraoin Beag. Tha i 2083 troigh (635 meatair) de dh'àirde.

Chaidh Ulapul a thòiseachadh ann an 1788 nuair a chaidh a dhealbh le Tòmas Telford airson Comann Iasgach Bhreatainn ach am faigheadh iad buannachd às an leudachadh ann an gnìomhachas iasgach an sgadain. Chaidh na sràidean an deilbh ann am pàtran clèithe agus am measg nan togalaichean ùra bha seadaichean sgoltaidh, taighean-stòir, laimrig agus taigh-sgoile.

An toiseach chaidh cùisean gu math leis a' bhaile-iasgaich ùr, ach tràth san 19mh linn thrèig an sgadan Loch Bhraoin agus ro na 1830an thàinig crìonadh air a' ghnìomhachas. Anns an 20mh linn, fhuair Ulapul àite ùr dha fhèin san iasgach nuair a thòisich bàtaichean on chost an ear a' tighinn thuige mar chala shàbhailte san iar. A bharrachd air seo, sna 70an is sna 80an bha eaconamaidh a' bhaile air a chuideachadh le soithichean factaraidh o Roinn Eòrp an Ear. Tha iad seo a-nis air falbh ach tha an cidhe aig meadhan a' bhaile agus na cheann-uidhe do dh'aiseag Steòrnabhaigh. Tha na seallaidhean eireachdail san sgìre, agus na th' ann de chothroman coiseachd sna beanntan mun cuairt, a' fàgail Ulapuil na àite tarraingeach do luchd-turais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Beinn Ghobhlach is Loch Bhraoin bho os cionn Ulapuil

ROS: Loch Bhraoin

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Ros is Cromba; Ros an Iar; beanntan; clachain; luchd-turais; luchd-coiseachd nam beann; aiseagan; calachan; rubhannan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

San dealbh seo chithear baile beag Ulapuil air cladach a tuath Loch Bhraoin, agus Beinn Ghobhlach air a' chùlaibh. 'S e druim le dà mhullach a th' ann am Beinn Ghobhlach agus tha i na seasamh air Rubha Scoraig eadar Loch Bhraoin is Loch Bhraoin Beag. Tha i 2083 troigh (635 meatair) de dh'àirde. <br /> <br /> Chaidh Ulapul a thòiseachadh ann an 1788 nuair a chaidh a dhealbh le Tòmas Telford airson Comann Iasgach Bhreatainn ach am faigheadh iad buannachd às an leudachadh ann an gnìomhachas iasgach an sgadain. Chaidh na sràidean an deilbh ann am pàtran clèithe agus am measg nan togalaichean ùra bha seadaichean sgoltaidh, taighean-stòir, laimrig agus taigh-sgoile.<br /> <br /> An toiseach chaidh cùisean gu math leis a' bhaile-iasgaich ùr, ach tràth san 19mh linn thrèig an sgadan Loch Bhraoin agus ro na 1830an thàinig crìonadh air a' ghnìomhachas. Anns an 20mh linn, fhuair Ulapul àite ùr dha fhèin san iasgach nuair a thòisich bàtaichean on chost an ear a' tighinn thuige mar chala shàbhailte san iar. A bharrachd air seo, sna 70an is sna 80an bha eaconamaidh a' bhaile air a chuideachadh le soithichean factaraidh o Roinn Eòrp an Ear. Tha iad seo a-nis air falbh ach tha an cidhe aig meadhan a' bhaile agus na cheann-uidhe do dh'aiseag Steòrnabhaigh. Tha na seallaidhean eireachdail san sgìre, agus na th' ann de chothroman coiseachd sna beanntan mun cuairt, a' fàgail Ulapuil na àite tarraingeach do luchd-turais