Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàs Fhinn
EXTERNAL ID
WHA_WB01FI_GA
ÀITE
Cill Fhinn
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT
DEIT
1995
LINN
700an
CRUTHADAIR
West Highland Animation bho sgeulachdan traidiseanta
NEACH-FIOSRACHAIDH
West Highland Animation
AITHNEACHADH MAOINE
3330
KEYWORDS
Cùltar
Beul Aithris
Dealbhan bheò
clann
Eachdrachail
Fian
Mòrt
na Fiann
Cìl Fhinn
Loch Laidon
dìoghaltais
bhideo
bhideothan

Get Adobe Flash player

O chionn fhada bha gaisgeach làidir, treun ann air an robh Fionn a bha air ceann buidheann de ghaisgich làidir air an robh na Fianna.. Bhiodh iad a' siubhal air feadh Alba is Eirinn a' sealg, agus a' dèanamh euchdan mìorbhaileach. Bha sin furasta dhaibh a dhèanamh oir bha cumhachd agus peataichean os-nàdarrach aig Fionn. Cha robh ach aon rud anns an t-saoghal a b'urrainn Fionn a mharbhadh agus b'e sin a chlaidheamh fhèin, Mac-an-luin. Seo an stòiridh mun turas a chaidh Fionn a chèilidh air bana-phrionnsa nan sìthichean a bha a' fuireach air eilean ann am meadhan loch. Dh'fhàs i fhèin agus Fionnn uabhasach càirdeil, ach, nuair thill a leannan fhèin, gheàrr e an ceann far Fionn leis a' chlaidheamh mhìorbhaileach aig Fionn fhèin. Thàinig muinntir na Feinne a thìodhlachadh Fhinn agus airson dìoghaltas a dhèanamh airson a mhurt.

Nuair a rinn a' chlann ann am Bun-sgoil Chill Fhinn am fiolm aca, thagh iad an dealbh-bheò a dhèanamh air mar a fhuair Cill Fhinn an t-ainm. A rèir na sgeulachd seo, 's ann a chionn 's gun deach an gaisgeach Fionn a thiodhlacadh an siud. Chaidh riochdachadh an fhiolm a dhèanamh ann am Bun-sgoil Chill Fhinn agus thug e trì seachdainean (le sneachda trom) air fad. Chaidh a h-uile pìos obair-ealain a dhèanamh a' cleachdadh 'collages' de stùth agus chaidh na caractaran a dhèanamh cuideachd de stùth 2D. Tha coltas gu math àraidh air an fhiolm seo air sgàth 's gun deach sìodan soilleir a chur air aghaidh clòimhe. Chuidich Tara Dùghlas agus Hazel Walker a' chlann a' dèanamh seo. Fhuair am fiolm Teisteanas o Urras Fèis Òigridh a' Cho-op airson Fiolm is Bhidio agus bhuannaich e an Duais Òigridh aig Fèis Fhiolman Neo-Dhreuchdail Lunnainn ann an 1991. Shiubhail cuid dhen chlas a Lunnainn airson an duais aca fhaotainn.

Air a dhèanamh leis a' chloinn ann am Bun sgoil Chill Fhinn:
Dugald Fletcher, Debbie McAllister, Terry Douglas, Patrick O'Donnell, Marie Donald, Isla Campbell, Andrew Donaldson, John Argo, Kelly Twigg, Douglas Ferguson.
Cèol le: Marc Fallon, David McLaren.
Mòran taing do: Maureen Inglis, Jessie Donald, Rennie McOwan, Mairead Bennett, Douglas Matheson, Diana Hand.
Taic airgid bho: Urras Brosnachaidh na Gàidhlig; S.W.I.B.S; Central Region Education Department.
Iar-Stiùirichean: Hazel Walker, Tara Douglas
Stiùiriche: Leaslaidh NicCoinnich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàs Fhinn

PEAIRT

700an

Cùltar; Beul Aithris; Dealbhan bheò; clann; Eachdrachail; Fian; Mòrt; na Fiann; Cìl Fhinn; Loch Laidon; dìoghaltais; bhideo; bhideothan

West Highland Animation

WHA - Gaisgich na Gaidhealtachd (cartoons)