Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rathad a-steach a dh'Ulapul agus Sràid na Tràghad
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1381
ÀITE
Ulapul
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33306
KEYWORDS
cairtean-puist
Ros is Cromba
Ros an Iar
beanntan
clachain
luchd-turais
luchd-coiseachd nam beann
aiseagan
cladhan
puirt
calachan
Entrance to Ullapool and Shore Street, Ullapool

Sa chairt-phuist seo chithear bàtaichean air an tarraing suas air an tràigh air an rathad a-steach a dh'Ulapul. Taobh thall an rathaid tha cladh ann. Mar a leanas an rathad a-steach dhan bhaile, tha e a' dol a-steach do Shràid na Tràghad.

Tha baile beag Ulapuil na laighe air cladach a tuath Loch Bhraoin. Chaidh a thòiseachadh ann an 1788 nuair a chaidh a dheilbh le Tòmas Telford airson Comann Iasgach Bhreatainn ach an coisneadh iad às an leudachadh ann an gnìomhachas iasgach an sgadain. Chaidh na sràidean an deilbh ann am pàtran clèithe agus am measg nan togalaichean ùra bha seadaichean sgoltaidh, taighean-stòir, laimrig agus taigh-sgoile.

An toiseach chaidh cùisean gu math leis a' bhaile ùr iasgaich, ach tràth san 19mh linn thrèig an sgadan Loch Bhraoin agus ro na 1830an thàinig crìonadh air a' ghnìomhachas. Anns an 20mh linn, ge ta, lorg Ulapul àite ùr dha fhèin san iasgach mar a thòisich bàtaichean on chost an ear a' tighinn thuige mar chala shàbhailte san iar. A bharrachd air seo, sna 70an is sna 80an bha eaconamaidh a' bhaile air a chuideachadh le soithichean factaraidh o Roinn Eòrp an Ear. Tha iad seo a-nis air falbh ach tha an cidhe na mheadhan aig a' bhaile agus na cheann-uidhe do dh'aiseag Steòrnabhaigh. Tha na seallaidhean eireachdail san sgìre, agus na th' ann de chothroman coiseachd nam beanntan mun cuairt, a' fàgail Ulapuil na àite tarraingeach do luchd-turais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rathad a-steach a dh'Ulapul agus Sràid na Tràghad

ROS: Loch Bhraoin

cairtean-puist; Ros is Cromba; Ros an Iar; beanntan; clachain; luchd-turais; luchd-coiseachd nam beann; aiseagan; cladhan; puirt; calachan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Sa chairt-phuist seo chithear bàtaichean air an tarraing suas air an tràigh air an rathad a-steach a dh'Ulapul. Taobh thall an rathaid tha cladh ann. Mar a leanas an rathad a-steach dhan bhaile, tha e a' dol a-steach do Shràid na Tràghad.<br /> <br /> Tha baile beag Ulapuil na laighe air cladach a tuath Loch Bhraoin. Chaidh a thòiseachadh ann an 1788 nuair a chaidh a dheilbh le Tòmas Telford airson Comann Iasgach Bhreatainn ach an coisneadh iad às an leudachadh ann an gnìomhachas iasgach an sgadain. Chaidh na sràidean an deilbh ann am pàtran clèithe agus am measg nan togalaichean ùra bha seadaichean sgoltaidh, taighean-stòir, laimrig agus taigh-sgoile.<br /> <br /> An toiseach chaidh cùisean gu math leis a' bhaile ùr iasgaich, ach tràth san 19mh linn thrèig an sgadan Loch Bhraoin agus ro na 1830an thàinig crìonadh air a' ghnìomhachas. Anns an 20mh linn, ge ta, lorg Ulapul àite ùr dha fhèin san iasgach mar a thòisich bàtaichean on chost an ear a' tighinn thuige mar chala shàbhailte san iar. A bharrachd air seo, sna 70an is sna 80an bha eaconamaidh a' bhaile air a chuideachadh le soithichean factaraidh o Roinn Eòrp an Ear. Tha iad seo a-nis air falbh ach tha an cidhe na mheadhan aig a' bhaile agus na cheann-uidhe do dh'aiseag Steòrnabhaigh. Tha na seallaidhean eireachdail san sgìre, agus na th' ann de chothroman coiseachd nam beanntan mun cuairt, a' fàgail Ulapuil na àite tarraingeach do luchd-turais