Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Loch Torridon, from Inveralligin Youth Hostel

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn seann Ostail-òigridh Inbhir Ailiginn a' coimhead a-null air Loch Thoirbheartan gu ruige Coille Bheinn nan Damh. Tha sgrìobhadh aig bonn nan dealbhan a' mìneachadh gur e am prìomh ostail a tha anns an togalach air an làimh chlì agus gur e na seòmraichean a tha anns an togalach air an làimh dheis. Tha an ostail seo a-nis air dùnadh agus tha ostail ùr, aig ìre ceithir rionnagan aig ceann Loch Àrd Thoirbheartan.

'S e clachan a tha ann an Inbhir Ailiginn aig ceann a tuath Loch Àrd Thoirbheartan, fo Bheinn Ailiginn (3230 troigh, 985 meatair). Tha abhainn Thoirbheartan a' sruthadh tro Ghleann Toirbheartan gu ruige Loch Àrd Thoirbheartan, a bhios an uairsin a' dol gu ruige Loch Thoirbheartan. Tha an sgìre air leth brèagha agus tha luchd-coiseachd nam beann agus luchd-togail-dhealbh, geòlaichean agus eòlaichean nàdair dèigheil air an sgìre. Tha tòrr dhen talamh anns an sgìre le Urras Nàiseanta na h-Alba aig a bheil ionad tadhail ann an Toirbheartan

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Thoirbheartan, bho Ostail-òigridh Inbhir Ailiginn

ROS: A' Chomraich

1940an; 1950an

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Sgìre Rois agus Chrombaidh; Ros an Iar; Inbhir Ailiginn; Beinn Ailiginn; ostailean-òigridh; lochan; cnuic; beanntan; coille; clachan; tuineachaidhean; bailtean; coiseachd nam beann; togail-dhealbh; geòlas; ionad tadhail;

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn seann Ostail-òigridh Inbhir Ailiginn a' coimhead a-null air Loch Thoirbheartan gu ruige Coille Bheinn nan Damh. Tha sgrìobhadh aig bonn nan dealbhan a' mìneachadh gur e am prìomh ostail a tha anns an togalach air an làimh chlì agus gur e na seòmraichean a tha anns an togalach air an làimh dheis. Tha an ostail seo a-nis air dùnadh agus tha ostail ùr, aig ìre ceithir rionnagan aig ceann Loch Àrd Thoirbheartan.<br /> <br /> 'S e clachan a tha ann an Inbhir Ailiginn aig ceann a tuath Loch Àrd Thoirbheartan, fo Bheinn Ailiginn (3230 troigh, 985 meatair). Tha abhainn Thoirbheartan a' sruthadh tro Ghleann Toirbheartan gu ruige Loch Àrd Thoirbheartan, a bhios an uairsin a' dol gu ruige Loch Thoirbheartan. Tha an sgìre air leth brèagha agus tha luchd-coiseachd nam beann agus luchd-togail-dhealbh, geòlaichean agus eòlaichean nàdair dèigheil air an sgìre. Tha tòrr dhen talamh anns an sgìre le Urras Nàiseanta na h-Alba aig a bheil ionad tadhail ann an Toirbheartan