Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Corry Halloch (Corrieshalloch) Falls, Ullapool

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn a' Choire Shalaich faisg air a' Bhràigh Mhòr, mu dhusan mìle a deas air Ulapul. Chaidh a chruthachadh leis mar a chaidh a' chreag matamorfaig a bhleith agus tha e còrr air mìle (1½ cil) a dh'fhaid agus 200 troigh (61 meatair) a dhoimhneachd. Am broinn A' Choire Shalaich tha an Abhainn Droma a' tuiteam còrr air 150 troigh (46 meatair) seachad air Easan Mheasaich. Chithear na h-easan bhon drochaid chrochaidh a chaidh a dhealbhadh le Sir Iain Fowler (1817-98), einnseanair Drochaid Fhoirthe (Rèile), a cheannaich Oighreachd Bhràigh Mhòr ann an 1867.

Tha An Coire Salach air a stiùireadh le Urras Nàdarra na h-Alba agus 's e Làrach Glèidhteachais Nàdarra a tha ann. Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, thathar air a bhith a' feuchainn air cur às dha na craobhan agus ròs-chraobhan nach eil nàdarra dhan sgìre agus craobhan agus lusan a tha nàdarra dhan sgìre a chur nan àite. Ann an 2006 chaidh a chreag a bha a' cumail taic ris an drochaid chrochaidh a neartachadh, chaidh làrach ùr a chur ann agus chaidh frìth-rathaidean nas fheàrr a dhèanamh. Chaidh pàirc-chàraichean ùr fhosgladh cuideachd air rathad A832 gu Achadh Dà Dhòmhnaill

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Coire Salach, faisg air Loch a' Bhraoin

ROS: Loch Bhraoin

1920an

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Sgìre Rois is Chrombaidh; Ros an Iar; sluganan; easan; aibhnichean; drochaidean; drochaid choiseachd; drochaidean coiseachd; craobhan; lusan; ròs-chraobhan; frìth-rathaidean; pàircean chàraichean; turasachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn a' Choire Shalaich faisg air a' Bhràigh Mhòr, mu dhusan mìle a deas air Ulapul. Chaidh a chruthachadh leis mar a chaidh a' chreag matamorfaig a bhleith agus tha e còrr air mìle (1½ cil) a dh'fhaid agus 200 troigh (61 meatair) a dhoimhneachd. Am broinn A' Choire Shalaich tha an Abhainn Droma a' tuiteam còrr air 150 troigh (46 meatair) seachad air Easan Mheasaich. Chithear na h-easan bhon drochaid chrochaidh a chaidh a dhealbhadh le Sir Iain Fowler (1817-98), einnseanair Drochaid Fhoirthe (Rèile), a cheannaich Oighreachd Bhràigh Mhòr ann an 1867.<br /> <br /> Tha An Coire Salach air a stiùireadh le Urras Nàdarra na h-Alba agus 's e Làrach Glèidhteachais Nàdarra a tha ann. Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, thathar air a bhith a' feuchainn air cur às dha na craobhan agus ròs-chraobhan nach eil nàdarra dhan sgìre agus craobhan agus lusan a tha nàdarra dhan sgìre a chur nan àite. Ann an 2006 chaidh a chreag a bha a' cumail taic ris an drochaid chrochaidh a neartachadh, chaidh làrach ùr a chur ann agus chaidh frìth-rathaidean nas fheàrr a dhèanamh. Chaidh pàirc-chàraichean ùr fhosgladh cuideachd air rathad A832 gu Achadh Dà Dhòmhnaill