Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Taigeis Express
EXTERNAL ID
WHA_XI02FI_EN
DEIT
2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
West Highland Animation bho sgeulachdan traidiseanta
NEACH-FIOSRACHAIDH
West Highland Animation
AITHNEACHADH MAOINE
3337
KEYWORDS
Cùltar
Beul Aithris
Dealbhan bheò
clann
ainmhidh
faoin sgeulach
beanntainn
bhideo
bhideothan

Get Adobe Flash player

Chan eil e furasta dha a bhith na thaigeis san t-saoghal mhòr fhiadhaich seo. Cuiridh Maighstir Taigeis a' mhòr-chuid den ùine aige seachad ann am bruadar far am bi e a' coinneachadh ri ban-taigeis. An ceann greis, chì thu seo a' tachairt dha-rìreabh! Agus abair iongnadh! Chan urrainn dha chreidsinn! Gu mì-fhortanach, 's e biast chearbach a tha ann am Bubu, a' phìob-mhòr a tha aige mar pheata agus a dh'aithghearr, cuiridh e crìoch air cothrom sam bith a tha aig Maightsir Taigeis air gaol fhaotainn. Mar seo, bidh sàbhaladh dràmatach mu seach sna seallaidhean a leanas gus an tig an Taigeis bhoireann air ais a dh'uamh nan Taigeisean - mu dheireadh thall - a choimhead às dèidh Bubu!

Chaidh am fìolm seo a dhèanamh mar phàirt den t-sreath 'Bog Fliuch' ann an 1998. Thàinig an smuain airson fiolm deilbh-beò gu bith an toiseach aig Bùth-Obrach de dh'aon latha a chumadh aig Taigh na Gàidhlig, Inbhir Pheofharain le buill Club Shradagan do dh'Òigridh Gàidhlig a chuir romhpa gu lèir gum bu toigh leotha eadar-chluiche romansach a bhith aig an Taigeis. Greis an dèidh sin, chumadh bùth-obrach deilbh-beò airson seachdain ann an Colaiste Inbhir Nis don chlas air a' Chùrsa Bogaidh, a dheasaich an obair-ealain; a' toirt a-steach na trèana aig Daibhidh Mac Ill Innein agus na Taigeisean fhèin. Chaidh na modailean fhiolmadh agus obair as dèidh an riochdachaidh an sin a chriochnachadh anns an stiùidio aig West Highland Animation ann am Both Chuidir.

Sradagan Inbhir Pheotharain: Rachel Watt, Tessa Campbell, Mairi MacDonald, Kenneth MacKenzie, Catriona & Seonaid Cochrane, Kirsten MacDonald, Sheena, Rachel & Eilidh MacAskill, Angela MacIver, Rebecca Nairn, Vickie Folan, Ruairidh & Kirsty Campbell, Rebecca Mitchell & Rosie Ince.
Cùrsa Bogaidh Inbhir Nis: Ishbel Ambrose, Margaret Beaton, Catie Hutton, Patricia Lockhart, Archie MacArthur, Lachlann MacColl, Jessie MacDonald-Brown, Fiona MacKenzie, Roderick MacKenzie, Kerrie MacLean, Donald MacLeod, Margaret McConnell, Catriona MacDonald, Bridget Nankivell, Helen Robertson & Rosemary Skinner.
Cuideachadh aig a' Bhùth Obrach: Sandra Cheanadach, Daibhidh Mac Ill Innein.
Bòrd Sgeulachd: Jon Aird
Fear-thogail: Si Colley
Molltairean: Rachel Frost agus Si Colley
Beòthadairean: Rachel Frost agus Jim Stirk
Sgrion gorm agus fear-dheilbh: Jim Stirk
Guthan: Anna Mhoireach agus Si Colley
Fuaim: WHA
Dùblachadh Fuaim: Cy Jack
Ceòl: Rod Paul agus Lynn Mhoireasdan
Taic: Maoin a' Chrannchuir Nàiseanta-Comhairle Ealain Alba; Comataidh Craolaidh Gàidhlig; Iomairt Rois is Chrombaidh; Comhairle na Gàidhealtachd
Àrd-Riochdaire: Bob Kenyon
Riochdaire agus Stiùiriche: Leaslaidh NicCoinnich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Taigeis Express

2000an

Cùltar; Beul Aithris; Dealbhan bheò; clann; ainmhidh; faoin sgeulach; beanntainn; bhideo; bhideothan

West Highland Animation

WHA - Bog Fliuch (cartoons)