Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Nathair Gheal
EXTERNAL ID
WHA_XI03FI_GA
ÀITE
Tunga
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Cinn t-Sàile MhicAoidh
DEIT
1998
LINN
1500an
CRUTHADAIR
West Highland Animation bho sgeulachdan traidiseanta
NEACH-FIOSRACHAIDH
West Highland Animation
AITHNEACHADH MAOINE
3338
KEYWORDS
Cùltar
Beul Aithris
Dealbhan bheò
clann
ainmhidh
faoin sgeulach
nathair

steafag
dòigheal leigheal
coigreach
bhideo
bhideothan

Get Adobe Flash player

'S e dròbhair bochd a tha ann am Fearchar, a gheibh bata àraidh. Bidh am bata seo a' bruidhinn agus ga chuideacheadh ann a bhith a' toirt na bà chun na margaid. Iarraidh coigreach dorch orra cuideachadh a thoirt dha an nathair ghil a lorg seo an gràinne deireannach a dh'fheumar airson na deoch dhraoidheil aige. Goilidh an deoch thairis agus gabhaidh Fearchar blas dhi gun fhios da is mar seo, gheibh e na cumhachdan leigheasach a tha innte. Leis a' bhata chudromach, cuiridh e an teiche air a' choigreach dhorch agus gheibh Fearchar ainm mar lighiche.

Chaidh am fiolm seo a dhèanamh ann an 1996 mar phàirt den t-Sreath Deilbh-beò 'Gàidhlig gu Leòr' le cloinn ann am bùth-obrach airson seachdain sna làithean-saora a chumadh ann an Talla Baile Mhealanais is air a threòrachadh leis an sgioba aig Gàidhlig gu Leòr. Rinn Catrìona NicIlleDhuibh an dealbh-beò airson na nathrach dhannsaidh agus b'ann le Iseabail Mhoireach a bha an obair-ealain a sheall Fionn a' faighinn cumhachdan leighis.

Chaidh am fiolm a bheòthachadh leis a' chloinn bhon Aonad Ghàidhlig an Tunga rè teirm na sgoile. Chlàr iad na guthan cuideachd. B'e sgàil-dhealbh cùl-sholais 2D am modh deilbh-beò a chaidh a chleachdadh is a chaidh an tilleadh beagan as dèidh sin sna deuchainnean-lann agus thug seo dhuinn na caractaran geala air dubh neo-àbhaisteach. Chuir Jamie Lockhart, fear-ciùil às an àite de shia bliadhna a dh'aois, am fuaim lorg sgoinneil ris. Ach rud a tha duilich, chan eil Iòseph MacAoidh, a dh'iaithris am fiolm beò fhathast.

'S e am fiolm seo de cheithir mionaidean de dh'fhaid, pàirt den t-Sreath 'Gàidhlig gu Leòr' a mholadh anns na Duaisean Neo-eigeantach de Foghlam Craobh-sgaoilidh agus chaidh a chraobh-sgaoileadh air Dè a-Nis? le BBC Alba.

Air a dhèanamh le Aonad Gàidhlig Bun Sgoil Thunga: Calum, Pavlos, Christopher, Anna, David, Cairstiona, Ross, Rebekah, Alasdair.
Taing gu: Catrìona NicIlleDhuibh, Eòghain Macaoidh, Màiri NicAmhlaidh, Ann Scott, Mairi NicArtair, Iseabail Mhoireach, Ruairidh MacNeacail, Anndra Wiseman, Brian MacLeòid, Irene NicLeòid, Susaidh, Iain Carlisle, Màiri Mhoireasdan, Sandra Cheanadach, Fionnladh, Catrìona Ghuinne, Mark MacFhionnlaigh.
Ceòl: Jamie Lockhart
Seanachaidh: Iòseph MacAoidh
Le taic airgid bho: Scottish Arts Council National Lottery Funding; Roinn na Gàidhealtachd; C.N.A.G.; C.A.S.E.; Sutherland District Council.
Àrd-Riochdairean: Eilidh Crossan agus Donnie MacLeòid
Stiùiriche: Leaslaidh NicCoinnich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Nathair Gheal

CATAIBH: Cinn t-Sàile MhicAoidh

1500an

Cùltar; Beul Aithris; Dealbhan bheò; clann; ainmhidh; faoin sgeulach; nathair; bò; steafag; dòigheal leigheal; coigreach; bhideo; bhideothan

West Highland Animation

WHA - Bog Fliuch (cartoons)