Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch a' Bhraoin aig Leac Mhailm, Ulapul
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1464
ÀITE
Leac Mhailm
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33386
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd Rois
Sgìre Rois is Chrombaidh
Ros an Iar
oighreachdan
lochan
eileanan
gnìomhachas an iasgaich
acarsaidean
aiseagan
gleann
Linn Deighee
Loch Broom at Leckmelm, Ullapool

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn Loch a' Bhraoin aig Leac Mhailm, oighreachd a tha mu thrì mìle deas air Ulapul, a' coimhead gu ruige Ulapul agus na h-Eileanan Samhraidh. Tha iomradh air an sgìre seo cho tràth ri 1586 nuair a chaidh Cath Leac Mailm a chur eadar Clann Ghunnach agus Clann Shutharlanach, Clann 'IcAoidh agus Clann 'IcLeòid. Tha cunntas den bhatal air a thoirt seachad san leabhar aig Raibeart MacAoidh, 'History of the House and Clan of Mackay' (1829).

Chaidh Oighreachd Leac Mailm a cheannach ann an 1879 le Mgr A C Pirie, fear-dèanamh pàipeir às Obar Dheathain. 'S e a' chiad rud a rinn e nuair a fhuair e an oighreachd, sanas a thoirt don h-uile neach-màil (23 teaghlaichean agus barrachd air 100 duine annta) gu robh e fhèin a' gabhail seilbh air an fhearann gu lèir, an dà chuid talamh àiteachaidh agus talamh ionaltraidh. Bha sin a' toirt air falbh caithe-beatha luchd na tuath agus dh'fheumadh cuid a theaghlaichean gluasad gu taobh eile Loch Bhraoin far nach robh an talamh idir torrach. Dh'fhalbh feadhainn eile dhiubh a-null thairis. Lorgar cunntas dhen tachartas seo ann an 'The History of the Highland Clearances' (1883) le Alasdair MacCoinnich.

'S e an taigh ann am meadhan an deilbh 'Tìr Àluinn'. Uaireigin 's e sia taighean luchd-obrach a thog Mgr Pirie a bh' ann. 'S e 'the barracks' a bh' aig muinntir na sgìre air. Chaidh am mullach a leudachadh thairis air na taighean gu lèir a-rithist, ach am biodh aon taigh mòr ann, agus chaidh seo a dhèanamh na thaigh-òsta ann an 1958. 'S e dachaigh phrìobhaideach a th' ann an Tìr Àluinn an-diugh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch a' Bhraoin aig Leac Mhailm, Ulapul

ROS: Loch Bhraoin

1960an

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Sgìre Rois is Chrombaidh; Ros an Iar; oighreachdan; lochan; eileanan; gnìomhachas an iasgaich; acarsaidean; aiseagan; gleann; Linn Deighee

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn Loch a' Bhraoin aig Leac Mhailm, oighreachd a tha mu thrì mìle deas air Ulapul, a' coimhead gu ruige Ulapul agus na h-Eileanan Samhraidh. Tha iomradh air an sgìre seo cho tràth ri 1586 nuair a chaidh Cath Leac Mailm a chur eadar Clann Ghunnach agus Clann Shutharlanach, Clann 'IcAoidh agus Clann 'IcLeòid. Tha cunntas den bhatal air a thoirt seachad san leabhar aig Raibeart MacAoidh, 'History of the House and Clan of Mackay' (1829).<br /> <br /> Chaidh Oighreachd Leac Mailm a cheannach ann an 1879 le Mgr A C Pirie, fear-dèanamh pàipeir às Obar Dheathain. 'S e a' chiad rud a rinn e nuair a fhuair e an oighreachd, sanas a thoirt don h-uile neach-màil (23 teaghlaichean agus barrachd air 100 duine annta) gu robh e fhèin a' gabhail seilbh air an fhearann gu lèir, an dà chuid talamh àiteachaidh agus talamh ionaltraidh. Bha sin a' toirt air falbh caithe-beatha luchd na tuath agus dh'fheumadh cuid a theaghlaichean gluasad gu taobh eile Loch Bhraoin far nach robh an talamh idir torrach. Dh'fhalbh feadhainn eile dhiubh a-null thairis. Lorgar cunntas dhen tachartas seo ann an 'The History of the Highland Clearances' (1883) le Alasdair MacCoinnich. <br /> <br /> 'S e an taigh ann am meadhan an deilbh 'Tìr Àluinn'. Uaireigin 's e sia taighean luchd-obrach a thog Mgr Pirie a bh' ann. 'S e 'the barracks' a bh' aig muinntir na sgìre air. Chaidh am mullach a leudachadh thairis air na taighean gu lèir a-rithist, ach am biodh aon taigh mòr ann, agus chaidh seo a dhèanamh na thaigh-òsta ann an 1958. 'S e dachaigh phrìobhaideach a th' ann an Tìr Àluinn an-diugh.