Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Na h-Eileanan Samhraidh, Aichillidh Bhuidhe, faisg air Ulapul
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1473
ÀITE
Na h-Eileanan Samhraidh
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33395
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd Rois
Sgìre Rois agus Chrombaidh
Ros an Iar
eilean
lochan
bàigh
puirt
gnìomhachas an iasgaich
stampaichean
luchd-nàdair
The Summer Isles, Achiltibuie, near Ullapool

Tha a' chairt-'puist seo a' sealltainn nan Eileanan Samhraidh a tha mu choinneamh Bàgh Bad an Tairbeirt faisg air an Aichillidh Bhuidhe. Tha mu dhà dhusan eilean ann, agus gheibhear gu cuid dhiubh sin le bàta on Aichillidh Bhuidhe no Ulapul rè mìosan an t-samhraidh.

'S e Tanera Mòr an t-eilean as motha de Na h-Eileanan Samhraidh agus bha 119 a' fuireach air an eilean sin ann an 1881. Cleas Ulapuil, b' e port sgadain soirbheachail a bha ann aig toiseach an 19mh linn, ach cleas Ulapuil a-rithist, dh'fhuiling am port an uair a dh'fhàg an sgadan Loch a' Bhraoin. Chan eil duine a' fuireach air fad na bliadhna a-nis, ged a tha taighean samhraidh rim faicinn air. Tha seirbheis puist aig an eilean fhèin agus bidh stampaichean nan Eileanan Samhraidh air am foillseachadh.

Tha eòlaichean nàdair dèidheil air na h-Eileanan Samhraidh airson nan eun, dìtheanan, ròin agus leumadairean a tha air agus timchealll orra. Sgrùd an t-eòlaiche nàdair An Ridire Frank Fraser Darling (1903-1979) fiadh-bheatha ann agus mun cuairt air Loch a' Bhraoin agus airson iomadh bliadhna sgrìobh e 'Island Farm' mun àm a bha e ri àiteachas air Tanera eadar 1936 agus 1944

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Na h-Eileanan Samhraidh, Aichillidh Bhuidhe, faisg air Ulapul

ROS: Loch Bhraoin

1940an

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Sgìre Rois agus Chrombaidh; Ros an Iar; eilean; lochan; bàigh; puirt; gnìomhachas an iasgaich; stampaichean; luchd-nàdair

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-'puist seo a' sealltainn nan Eileanan Samhraidh a tha mu choinneamh Bàgh Bad an Tairbeirt faisg air an Aichillidh Bhuidhe. Tha mu dhà dhusan eilean ann, agus gheibhear gu cuid dhiubh sin le bàta on Aichillidh Bhuidhe no Ulapul rè mìosan an t-samhraidh.<br /> <br /> 'S e Tanera Mòr an t-eilean as motha de Na h-Eileanan Samhraidh agus bha 119 a' fuireach air an eilean sin ann an 1881. Cleas Ulapuil, b' e port sgadain soirbheachail a bha ann aig toiseach an 19mh linn, ach cleas Ulapuil a-rithist, dh'fhuiling am port an uair a dh'fhàg an sgadan Loch a' Bhraoin. Chan eil duine a' fuireach air fad na bliadhna a-nis, ged a tha taighean samhraidh rim faicinn air. Tha seirbheis puist aig an eilean fhèin agus bidh stampaichean nan Eileanan Samhraidh air am foillseachadh.<br /> <br /> Tha eòlaichean nàdair dèidheil air na h-Eileanan Samhraidh airson nan eun, dìtheanan, ròin agus leumadairean a tha air agus timchealll orra. Sgrùd an t-eòlaiche nàdair An Ridire Frank Fraser Darling (1903-1979) fiadh-bheatha ann agus mun cuairt air Loch a' Bhraoin agus airson iomadh bliadhna sgrìobh e 'Island Farm' mun àm a bha e ri àiteachas air Tanera eadar 1936 agus 1944