Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Loch Broom and the Braemore Hills, Ullapool

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn Ulapul air taobh a tuath Loch a' Bhraoin.Tha an t-ainm 'braoin' a' ciallachadh 'àite nam frasan uisge'. 'S e measgachadh de chraobhan agus rubhachan creagach a tha ann an cladaichean Loch a' Bhraoin agus chan eil cliù aca airson acarsaidean fasgach idir.

Chaidh Ulapul a stèidheachadh ann an 1788 mar bhaile a chaidh a dhealbhadh. Bha e air a dhealbhadh le Tòmas Telford airson Buidheann Iasgaich Bhreatainn gus brath a ghabhail air leudachadh ann an gnìomhachas an sgadain. Chaidh na sràidean a dhealbhadh ann an cruth ceàrnagach agus am measg nan togalaichean ùra bha taighean-saillidh, taighean-stòraidh, cidhe agus taigh-sgoile.

An toiseach, bha am baile iasgaich ùr soirbheachail ach aig toiseach an 19mh linn dh'fhàg an sgadan Loch a' Bhraoin agus anns na 1830an bha an gnìomhachas a' tòiseachadh air lùghdachadh. Anns an 20mh linn, ged-thà, bha Ulapul cudromach a-rithist an uair a thòisich bàtaichean iasgaich bhon taobh an ear air an acarsaid a chleachdadh mar àite fasgach air an iar. Ged a lùghdaich gnìomhachas an sgadain anns an 19mh linn, tha Ulapul fhathast trang bhon a tha acarsaid ann. An-diugh, 's ann gu Ulapul a bhios aiseag Steòrnabhaigh a' dol agus bidh mòran luchd-turais a' tadhal air a' bhaile.

Anns na 1970an agus na 1980an fhuair eaconamaidh a' bhaile togail an uair a thòisich bàtaichean iasgaich mòra bho Thaobh Sear na Roinn Eòrpa air tighinn ann. Tha iad seo a-nis air falbh ach tha an cidhe fhathast aig teis-meadhan beatha a' bhaile, bhon a tha aiseag charbadan Steòrnabhaigh a' tighinn gu Ulapul. Tha an sealladh-tìre àlainn agus tha iomadh cothrom ann airson coiseachd anns na beanntan anns an sgìre mun cuairt air Ulapul agus tha seo a' ciallachadh gu bheil luchd-turais dèidheil air Ulapul

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch a' Bhraoin agus Beanntan Bhràigh Mhòir, Ulapul

ROS: Loch Bhraoin

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Sgìre Rois agus Chrombaidh; Ros an Iar; lochan; bailtean; puirt; acarsaidean; cidhean; aiseagan; luchd-coiseachd nam beann; turasachd; luchd-turais

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection