Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceithir seallaidhean de dh'Ulapul
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1481
ÀITE
Ulapul
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
LINN
1970an; 1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33402
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd Rois
Sgìre Rois agus Chrombaidh
Ros an Iar
cidhean
acarsaidean
cidhean
bàigh
cladach
cladaichean
bailtean
aiseagan
turasachd
luchd-coiseachd nam beann
luchd-turais
turasachd
Four views of Ullapool

Tha na ceithir seallaidhean de dh'Ulapul a th' air a' chairt-puist seo a' sealltainn na h-acarsaid, bàgh gainmhche a tha faisg air làimh, Sràid a' Chladaich agus sealladh farsaing dhen bhaile.

Tha Ulapul air ceann a tuath Loch a' Bhraoin. Chaidh Ulapul a stèidheachadh ann an 1788 mar baile a chaidh a dhealbhadh. Bha e air a dhealbhadh le Tòmas Telford airson Buidheann Iasgaich Bhreatainn gus brath a ghabhail air leudachadh ann an gnìomhachas an sgadain. Chaidh na sràidean a dhealbhadh ann an cruth ceàrnagach agus am measg nan togalaichean ùra bha taighean-saillidh, taighean-stòraidh, cidhe agus taigh-sgoile.

An toiseach, bha am baile iasgaich ùr soirbheachail ach aig toiseach an 19mh linn dh'fhàg an sgadan Loch a' Bhraoin agus anns na 1830an bha an gnìomhachas a' tòiseachadh air lùghdachadh. Anns an 20mh linn, ge-tà, bha Ulapul cudromach a-rithist an uair a thòisich bàtaichean iasgaich bhon taobh an ear air an acarsaid a chleachdadh mar àite fasgach air an iar. Ged a lùghdaich gnìomhachas an sgadain anns an 19mh linn, tha Ulapul fhathast trang bhon a tha acarsaid ann. An-diugh, 's ann gu Ulapul a bhios aiseag Steòrnabhaigh a' dol agus bidh mòran luchd-turais a' tadhal air a' bhaile.

Anns na 1970an agus na 1980an fhuair eaconamaidh a' bhaile togail an uair a thòisich bàtaichean iasgaich mòra bho Thaobh Sear na Roinn Eòrpa air tighinn ann. Tha iad seo a-nis air falbh ach tha an cidhe fhathast aig teis-mheadhan beatha a' bhaile, bhon a tha aiseag charbadan Steòrnabhagh a' tighinn gu Ulapul. Tha an sealladh-tìre àlainn agus gach cothrom a tha ann airson coiseachd anns na beanntan anns an sgìre mun cuairt air Ulapul a' ciallachadh gu bheil luchd-turais dèidheil air Ulapul

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceithir seallaidhean de dh'Ulapul

ROS: Loch Bhraoin

1970an; 1980an

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Sgìre Rois agus Chrombaidh; Ros an Iar; cidhean; acarsaidean; cidhean; bàigh; cladach; cladaichean; bailtean; aiseagan; turasachd; luchd-coiseachd nam beann; luchd-turais; turasachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection