Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ulapul: ceithir seallaidhean ann an dubh agus geal
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1485
ÀITE
Ulapul
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
LINN
1940an; 1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33406
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd Rois
Sgìre Rois agus Chrombaidh
Ros an Iar
lochan
bailtean
aiseagan
turasachd
luchd-turais
eilean
Ullapool: four views in black and white

Tha a' chairt-puist a' sealltainn ceithir dealbhan de dh'Ulapul agus Loch a' Bhraoin ann an dubh agus geal.

Tha Ulapul air taobh a tuath Loch a' Bhraoin, anns an dealbh gu h-àrd air an làimh chlì agus aig a' bhonn air an làimh dheis. Tha an t-ainm 'braoin' a' ciallachadh 'àite nam frasan uisge'. 'S e loch mara fada, cumhang a tha ann an Loch a' Bhraoin agus aig aon àm bha e air a chleachdadh airson iasgach an sgadain. 'S e measgachadh de chraobhan agus rubhachan creagach a tha ann an cladaichean Loch a' Bhraoin agus chan eil ainm aca airson acarsaidean fasgach idir.

Tha an dealbh anns a' mheadhan a' sealltainn fhaileasan sìos ri taobh a' chladaich air Sràid a' Chladaich, Ulapul.Chaidh Ulapul a stèidheachadh ann an 1788 mar baile a chaidh a dhealbhadh. Bha e air a dhealbhadh le Tòmas Telford airson Buidheann Iasgaich Bhreatainn gus brath a ghabhail air leudachadh ann an gnìomhachas an sgadain. Ged a lùghdaich gnìomhachas an sgadain anns an 19mh linn, tha Ulapul fhathast trang bhon a tha acarsaid ann. An-diugh, 's ann gu Ulapul a bhios aiseag Steòrnabhaigh a' dol agus bidh mòran luchd-turais a' tadhal air a' bhaile.

Anns an dealbh gu h-ìseal air an làimh chlì tha Na h-Eileanan Samhraidh dìreach an taobh shuas de dh'Ulapul, mu choinneamh Aichillidh Bhuidhe, tha mu dhà dhusan eilean ann, agus gheibhear gu cuid dhiubh sin le bàta o Aichillidh Bhuidhe no Ulapul rè mìosan an t-samhraidh. Tha eòlaichean nàdair deidheil air na h-Eileanan Samhraidh airson nan eun, dìtheanan, ròin agus leumadairean a tha air agus timchealll orra

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ulapul: ceithir seallaidhean ann an dubh agus geal

ROS: Loch Bhraoin

1940an; 1950an

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Sgìre Rois agus Chrombaidh; Ros an Iar; lochan; bailtean; aiseagan; turasachd; luchd-turais; eilean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection