Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ulapul; ceithir seallaidhean le dath orra
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1488
ÀITE
Ulapul
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33409
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd Rois
Sgìre Rois agus Chrombaidh
Ros an Iar
cnuic
beanntan
coiseachd nam beann
lochan
bailtean
sràidean
cidhean
acarsaidean
rubhaichean
aiseagan
turasachd
luchd-turais
Ullapool: four views in colour

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn ceithir dealbhan de dh'Ulapul agus na sgìrean mun cuairt.

'S e Stac Pollaidh a' bheinn a tha anns an dealbh gu h-àrd air an làimh chlì.agus 's ann bho Abhainn Pollaidh a tha faisg air làimh a tha an t-ainm a' tighinn. Tha i mu 11 mìle a tuath air Ulapul ann an sgìre na Còigich. Ged nach eil i uabhasach àrd, aig 2009 troigh (613 meatair), tha cumadh sònraichte oirre agus tha luchd-coiseachd nam beann glè dhèidheil oirre. Chaidh an dealbh seo a' thogail o Loch Lurgain.

Tha na trì dealbhan eile de dh'Ulapul fhèin. Gu h-àrd air an làimh dheis, tha Sraid a' Chladaich; gu h-ìseal air an làimh dheis tha an cidhe; agus gu h-ìseal air an làimh chlì tha sealladh dhen bhaile a' coimhead thar Loch a' Bhraoin gu ruige Beinn Ghobhlach, beinn le dà dhruim air Rubha Sgoraig agus tha i a' dol gu 2083 troigh a dh'àirde (635 meatair).

Chaidh Ulapul a stèidheachadh ann an 1788 mar baile a chaidh a dhealbhadh. Bha e air a dhealbhadh le Tòmas Telford airson Buidheann Iasgaich Bhreatainn gus brath a ghabhail air leudachadh ann an gnìomhachas an sgadain. Ged a lùghdaich gnìomhachas an sgadain anns an 19mh linn, tha Ulapul fhathast trang bhon a tha acarsaid ann. An-diugh, 's ann gu Ulapul a bhios aiseag Steòrnabhaigh a' dol agus bidh mòran luchd-turais a' tadhal air a' bhaile

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ulapul; ceithir seallaidhean le dath orra

ROS: Loch Bhraoin

1960an

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Sgìre Rois agus Chrombaidh; Ros an Iar; cnuic; beanntan; coiseachd nam beann; lochan; bailtean; sràidean; cidhean; acarsaidean; rubhaichean; aiseagan; turasachd; luchd-turais

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection