Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ulapul, Loch a' Bhraoin agus Na h-Eileanan Samhraidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1499
ÀITE
Ulapul
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
LINN
1930an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33420
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd Rois
Sgìre Rois agus Chrombaidh
Ros an Iar
bailtean
lochan
acarsaidean
aiseagan
luchd-coiseachd nam beann
luchd-turais
turasachd
eilean
Ullapool, Loch Broom and the Summer Isles

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn sealladh de dh'Ulapul air Loch a' bhraoin, leis Na h-Eileanan Samhraidh air fàire. Chaidh Ulapul a stèidheachadh ann an 1788 mar baile a chaidh a dhealbhadh. Bha e air a dhealbhadh le Tòmas Telford airson Buidheann Iasgaich Bhreatainn gus brath a ghabhail air leudachadh ann an gnìomhachas an sgadain. Chaidh na sràidean a dhealbhadh ann an cruth ceàrnagach agus am measg nan togalaichean ùra bha taighean-saillidh, taighean-stòraidh, cidhe agus taigh-sgoile.

An toiseach, bha am baile iasgaich ùr soirbheachail ach aig toiseach na 19mh linn dh'fhàg an sgadan Loch a' Bhraoin agus anns na 1830an bha an gnìomhachas a' tòiseachadh air lùghdachadh. Anns an 20mh linn, ge-tà, bha Ulapul cudromach a-rithist an uair a thòisich bàtaichean iasgaich bhon taobh an ear air an acarsaid a chleachdadh mar àite fasgach air an iar.

Anns na 1970an agus na 1980an fhuair eaconamaidh a' bhaile togail an uair a thòisich bàtaichean iasgaich mòra bho Thaobh Sear na Roinn Eòrpa air tighinn ann. Tha iad seo a-nis air falbh ach tha an cidhe fhathast aig teis-mheadhan beatha a' bhaile, bhon a tha aiseag charbadan Steòrnabhagh a' tighinn gu Ulapul. Tha an sealladh-tìre àlainn agus an gach cothrom a tha ann airson coiseachd anns na beanntan anns an sgìre mun cuairt air Ulapul a' ciallachadh gu bheil luchd-turais dèidheil air Ulapul.

Dìreach an taobh shuas de dh'Ulapul, mu choinneamh Aichillidh Bhuidhe, tha mu dhà dhusan eilean ann, agus gheibhear gu cuid dhiubh sin le bàta o Aichillidh Bhuidhe no Ulapul rè mìosan an t-samhraidh. Tha eòlaichean nàdair deidheil air na h-Eileanan Samhraidh airson nan eun, dìtheanan, ròin agus leumadairean a tha air agus timcheall orra

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ulapul, Loch a' Bhraoin agus Na h-Eileanan Samhraidh

ROS: Loch Bhraoin

1930an

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Sgìre Rois agus Chrombaidh; Ros an Iar; bailtean; lochan; acarsaidean; aiseagan; luchd-coiseachd nam beann; luchd-turais; turasachd; eilean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection