Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aildih Mal
EXTERNAL ID
WHA_ZZ_01FI_GA
ÀITE
Cinn Tàile
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cinn Tàile
DEIT
1989
LINN
1920an
CRUTHADAIR
West Highland Animation bho sgeulachdan traidiseanta
NEACH-FIOSRACHAIDH
West Highland Animation
AITHNEACHADH MAOINE
3343
KEYWORDS
Cùltar
Beul Aithris
Dealbhan bheò
clann
àbhlachdaiche
poit-dubh neo-cheadaichte
fear thomhais shoithichean
uisge-beatha
casan gòrrach
bhideo
bhideothan

Get Adobe Flash player

Choisinn Ailidh Mal - am fear mu dheireadh de na 'Forsairean Saora' - a bheò-shlàint a' dèanamh an uisge-bheatha aige fhèin. Chuir seo fearg air na saighdearan no na 'Còtaichean Dearga' a rinn an dìcheall gus crìoch a chur air. Cha do rinn Ailidh Mal cron orra idir ach rinn e a' chùis orra a h-uile turas. Uaireannan, chaidh aige air faighinn thairis air abhainn air trosdan! B'e bò mhòr a bha dèidheil air uisge-beatha, is a' mhisg oirre, am ball-airm dìomhair a bha aige.

Chaidh am fiolm seo a thòiseachadh aig bùth-obrach deilbh-beò tro Bhogadh na Gàidhlig a chumadh aig Cothrom na Feinne agus bha e air a threòrachadh le Morag Craig, aig a bheil iomadh tàlant. Thòisich sgioba ionnsachaidh na Gàidhlig san àite air obrachadh air bùird-stòiridh an fhiolm agus air an obair-ealain a dhèanamh. An sin, chuir clann bho Aonad Gàidhlig Loch Carrann seachad seachdain a bharrachd anns an dorchadas a' beòthachadh an fhiolm seo de sgàil-dhealbh, cùl-sholais fon chamara. Cuideachd, sgrìobh a' chlann agus chlàr iad na còmhraidhean. Chuir Kathleen Knowles, caileag às an àite, am fonn-fìdhle ris. Bhuannaich am fiolm seo Duais nam Bun-sgoiltean aig Comann Rìoghail an Teliebhisein.

Obair-ealain le: Iain Craig, Raoinaid Brennan, Sorcha Nic A' Ghobhainn, Dòmhnall Camshron, Mairi MacArthur, Charlotte Bell.
Taing gu: Morag Craig.
Dealbhan-Beò le Aonad Gàidhlig Bun Sgoil Loch Carrann: Mairi Baird, Nicky Murray, Mhairi Finlayson, Talitha Stonebridge, Jamie Ross Rollo, Crisdean Finlayson, Ryan Murray, Nathaniel Stonebridge, Siobhan Murray, Anna Nic Ill Fhaolain.
Fidheall: Kathleen Knowles.
Taic airgid bho: Roinn na Gaidhealtachd; Comhairle an Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse; Howard Trust; Iomairt an Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse ; C.T.G.; R.A.C.E.
Stiùiriche agus Riochdaire: Leaslaidh NicCoinnich.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aildih Mal

ROS: Cinn Tàile

1920an

Cùltar; Beul Aithris; Dealbhan bheò; clann; àbhlachdaiche; poit-dubh neo-cheadaichte; fear thomhais shoithichean; uisge-beatha; casan gòrrach; bhideo; bhideothan

West Highland Animation

WHA - Gaisgich na Gaidhealtachd (cartoons)