Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stac Pollaidh agus Monarcan a' Ghlinne
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1515
ÀITE
A' Chòigeach
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33434
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd Rois
Ros is Cromba
Taobh Siar Rois
beinn
beanntan
coiseachd nam beann
fèidh
Stack Polly and Monarchs of the Glen

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn na beinne air a bheil Stac Pollaidh. 'S ann bho Abhainn Pollaidh a tha faisg air làimh a tha an t-ainm a' tighinn. Tha i mu 11 mìle a tuath air Ulapul ann an sgìre na Còigich. Ged nach eil i uabhasach àrd, aig 2009 troigh (613 meatair), tha cumadh sònraichte oirre agus tha luchd-coiseachd nam beann glè dhèidheil oirre.

Is iad 'Monarcan a' Ghlinne' na dàimh ri aghaidh na deilbh. Is e 'Monarc' a chanas iad ri damh le 16 rinnean air a chabar (feumaidh còrr is òirleach de dh' fhaid a bhith ann an rinn). Is e damh 'Iompaireil' fear le 14 rinnean agus tha 12 rinn air fear 'Rìoghail'. Tha 12 rinn air cabar an daimh san dealbh agus, mar sin, is e damh Rìoghail a th' ann

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stac Pollaidh agus Monarcan a' Ghlinne

ROS: Loch Bhraoin

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Ros is Cromba; Taobh Siar Rois; beinn; beanntan; coiseachd nam beann; fèidh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn na beinne air a bheil Stac Pollaidh. 'S ann bho Abhainn Pollaidh a tha faisg air làimh a tha an t-ainm a' tighinn. Tha i mu 11 mìle a tuath air Ulapul ann an sgìre na Còigich. Ged nach eil i uabhasach àrd, aig 2009 troigh (613 meatair), tha cumadh sònraichte oirre agus tha luchd-coiseachd nam beann glè dhèidheil oirre. <br /> <br /> Is iad 'Monarcan a' Ghlinne' na dàimh ri aghaidh na deilbh. Is e 'Monarc' a chanas iad ri damh le 16 rinnean air a chabar (feumaidh còrr is òirleach de dh' fhaid a bhith ann an rinn). Is e damh 'Iompaireil' fear le 14 rinnean agus tha 12 rinn air fear 'Rìoghail'. Tha 12 rinn air cabar an daimh san dealbh agus, mar sin, is e damh Rìoghail a th' ann