Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Girniegoe, faisg air Inbhir Ùige
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1576
ÀITE
Inbhir Ùige
SGÌRE
Gallaibh an Ear
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33493
KEYWORDS
cairtean-puist
cairt-puist
cairt-phuist
ceann
rubhannan
tobhta
caistealan
Castle Sinclair Girnigoe, near Wick

Cairt-phuist de Chaisteal Girniegoe ann an Ceann Nos, Inbhir Ùige.

Bhathar a' creidsinn gun do thog Iarlan Ghallaibh dà chaisteal an seo: fear sa 15mh linn agus fear eile aig toiseach an t-17mh linn. Is e 'Caisteal Goirneag-Geòdh'' a bh' air a' phrìomh structar agus b' e 'Caisteal Mhic na Ceàrdaich' a bh' air an togalach eile. Bhathar den bheachd gun deach an dà chuid a sgrios le gunnaichean-mòra rè ionnsaigh ann an 1690.

A dh'aindeoin seo, tha rannsachadh FAS air dearbhadh nach robh ach aon chaisteal ann riamh. Chaidh tòiseachadh air an caisteal a thogail cho tràth ri deireadh a' 14mh linn agus bhathar air cur ris an togalach thar nam bliadhnaichean. Thogadh am pàirt mu dheireadh dhen chaisteal san t-17mh linn.

Ann an 1606, fhuair Iarla Ghallaibh Achd Pàrlamaid gus ainm a' chaisteil atharrachadh bho Chaiseal Goirneag-Geòdh gu Caisteal Mhic na Ceàrdaich ach bhiodh daoine fhathast a' cleachdadh an dà ainm. 'S ann mar thoradh air seo a bha mì-thuigse ann agus gun robhar den bheachd gun robh dà chaisteal ann.

Caisteal Mhic na Ceàrdaich Giornaigeò air fhosgladh don mhòr-shluagh an 1mh Lùnastail 2010 an dèidh pròiseict ath-thogail a sheas deich bliadhna, a' cosg £700,000. Tha dà earrann eile air am planadh a nì an togalach na phrìomh tharraing turasachd.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Girniegoe, faisg air Inbhir Ùige

GALLAIBH: Inbhir Ùige

cairtean-puist; cairt-puist; cairt-phuist; ceann; rubhannan; tobhta; caistealan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection