Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bagh Seannabhad agus Am Parbh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1875
ÀITE
Diùranais
SGÌRE
Eadar Dhà Chaolas agus Diùranais
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Diùirnis
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33795
KEYWORDS
tràighean
Sandwood Bay and Cape Wrath

'S e seo cairt-phuist de Bhàgh Seannabhad faisg air A' Pharbh.

'S dòcha gu bheil Bàgh Sheannabhad am measg feadhainn de na h-àitichean as eireachdaile anns an Roinn Eòrpa leis a' ghainmhich àlainn agus na tolmain gainmhich. Thastac mhara àrd ris an canar Am Buachaille ann a bharrachd air mìltean eile de bhearraidhean fiadhaich a bhios a' leantainn gu bàigh shèimh faisg air clachan croitearachd na h-oighearachd. Tha ochd eileanan ann, loch-salainn cuairtichte agus Loch Seannabhad a tha làn fior-uisge. Tha monadh mòr ag èirigh suas a dh'ionnsaigh chnuic air iomall na h-oighreachd à machair air a' chost.

'S e rubha ann an Cataibh anns a' Ghàidhealtachd ann an taobh tuath na h-Alba a th' anns A' Pharbh. 'S e seo an talamh as fhaide gu tuath air tir-mòr Bhreatainn.

Chaidh Taigh-solas a' Phairbh a thogail le Raibeart Louis Stevenson ann an 1828. 'S ann on ainm Lochlainn airson àite-tionndaidh a tha an t-ainm a' tighinn agus chan ann às a' mhuir stoirmeil anns an sgìre air sgàth 's gun robh na Lochlannaich a' tionndadh nam bàtaichean an seo nuair a bha iad a' dol dhachaigh.

'S e seann sgìre clàraidh agus clèireach a th' ann an Cataibh agus an-diugh tha e na phàirt de sgìre riaghaltais ionadail na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bagh Seannabhad agus Am Parbh

CATAIBH: Diùirnis

tràighean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection